FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A protest on the West side of Ross-shire about working on the Sabbath Aimhreit air taobh siar Ròis mu obair na Sàbaid

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Aimhreit air taobh siar Ròis mu obair na Sàbaid

[Innes Rothach - Preseantair] Tha dìreach sia fichead ‘s a deich bliadhna on a bha aimhreit air taobh siar Ròis mu obair na Sàbaid. Bha blàr eadar luchd-eaglais agus am poileas, seach gun robh iasg ga chur gu tìr aig Port an t-Sròim air an t-seachdamh agus trèanaichean ga ghiùlain gu deas air an rèile a bh’ air ùr-fhosgladh. Tha Padraig MacAmhlaidh ag aithris.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Suas gu deireadh na Naoidheamh Linne Deug, bha Port an t-Sròim air leth cudromach airson malairt. Seo far an robh an rèile chun iar a’ tighinn gu crìoch. Seo far an robh airgead mòr ri dhèanamh. Ach, tha cùisean buailteach fàs teth, nuair a thig airgead agus creideamh gu chèile. Sin mar a bha e nuair a nochd aithrisean gun robh obair Sàbaid a’ dol air adhart aig Port an t-Sròim.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Bha sluagh air gach taobh an loch a’ cumail sùil glè gheur air na bha tachairt. Agus goirid an-dèidh aon uair deug oidhche Shathairne, chunnaic muinntir Àrd an Iasgain shuas an rathad an seo steamer, an Harold à Steòrnabhagh a’ tighinn a-steach an loch, ‘s i dèanamh air Port an t-Sròim làn èisg.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Bha an t-iasg a’ dol air trèana sìos gu margaidhean mòra Lunnainn. Ach chruinnich sluagh agus chuir iad bacadh air an obair. B’ fheudar feachd poileis a thoirt a-steach. Chaidh maidean is clachan a thilgeil orra! Bha luchd na Sàbaid air a’ phuing aca a dhèanamh.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] An-diugh san sgìre, ‘s e an Eaglais shaor Chlèireach as dlùithe a tha a’ cumail ri bunaitean na Sàbaid. An Eaglais far a bheil dreuchd aig Donnchadh MacCalmain.

[Donnchadh MacCalmain] Uill, tha e gu math duilich a chanainn am feum a rinn e. Thug e gu aire an t-sluagh, aire cuid eile de Bhreatainn, tha mi cinnteach gun, uill, sheall e gun robh buidheann mhath a bha deònach seasamh a-mach an aghaidh briseadh na Sàbaid aig an àm, ach aig deireadh an là, ‘s ann le luchd-briseadh na Sàbaid a bha an latha.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Tha sàmhchair na Sàbaid gu cinnteach air a dhol à bith an seo agus cha b’ ann an-diugh no an-dè a thòisich sin.

[An t-Urr Ailean MacArtair] Thàinig mise ann an seo o chionn fhichead bliadhna. Tha eadar-dhealachadh mòr ann eadar na h-eileanan, far an robh mi ron seo. Agus ghabh mi iongantas, bha gu leòr a’ tighinn dha na searmoin sa mhadainn, ach gu leòr aca falbh sìos dhan taigh-òsta sa spot a bha an t-searmon seachad. Sin mar a bha an suidheachadh a chanainn a tha an seo a-nis. Tha sin ag innse dhuibh gun robh atharrachadh mòr air a thighinn ann as na bliadhnaichean a bha sin agus tha mi a’ creidsinn cuideachd gun robh daoine a’ tighinn a-steach dhan àite a dh’fhuireach agus bha sin a’ dèanamh diofar, bha iad eadar-dhealaichte bho na dhaoine a bha fuireach an seo.

[Donnchadh MacCalmain] Uaireigin, bha tòrr spèis aig a’ mhòr-shluagh a bha seo dhan chreideamh uile gu lèir agus bha iad a’ toirt urram dhan t-Sàbaid, ‘s bha iad a’ feuchainn ri bhith ga cumail, ‘s bha iad a’ deisealachadh air a son a’ dèanamh na b’ urrainn dhaibh, ach beag is beag, thòisich i air sìoladh às.

[Padraig MacAmhlaidh – Neach-aithris] Padraig MacAmhlaidh, BBC An Là, Port an t-Sròim.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!