FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new footpath opens in Islay Ceum-coiseachd ùr a thogail ann an Ìle

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Ceum-coiseachd ùr a thogail ann an Ìle

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Thèid ceum-coiseachd ùr a thogail eadar na trì taighean-staile eader Port Ilein agus an Àrd Bheag ann an Ìle. Chan eil rathad eadar na taighean-staile ach mu thrì mìle a dh’fhaid. Ach tha uimhir a’ coiseachd air ‘s gu bheil e air fàs cunnartach. Cosgaidh am pròiseact còrr air cheud mìle not le suimean a’ tighinn bho Sustrans, na taighean-staile agus bhon ùghdarras ionadail. Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Seo, mar a chanas iad, an Rathad Uisge-beatha a’ ruith a-mach à Port Ilein ann an Ìle. Chan eil e ach trì mìle a dh’ fhaid, ach tha trì taighean-staile anns na trì mìle sin. Agus tha iomadh luchd-turais a’ coiseachd no a’ toirt a’ bhaidhsagal sìos nan trì mìle airson toirt a-steach na trì taighean-staile ann an aon là.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach a-nis, aig cosgais beagan a bharrachd air cheud mìle not, tha iad a’ dol a chur ceum no slighe a-steach airson daoine a bhith a’ coiseachd agus a’ cleachdadh bhaidhsagalan.

[Robin Currie] ‘S tha mòran dhaoine a’ coiseachd agus a’ toirt bicycles suas an sin, agus tha an rathad fhèin gu math cunnartach. Agus chuir Argyll is Bhòid a-staigh airgead air a shon airson na cycle-paths seo a dhèanamh. Tha sinn gu math toilichte gun d’ huair sinn pàirt den airgead airson siùdach air an seo.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Tha Sustrans a’ cur ceud mìle not a-steach don phròiseact agus na taighean-staile a’ cur trì fichead mìle not ann cuideachd. Tha feum aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-nis air leth-cheud mìle not eile a lorg, ach cuin an dùil a bhios e deiseil?

[Robin Currie] Tha mi an dòchas gum bi sinn a’ siùdach air a’ bhliadhna seo agus gum bi sin rèidh suas gu Lag a' Mhuilinn toiseach an ath bhliadhna agus ma gheibh sin airgead còmhla gum bi sinn a’ crìochnachadh a rèir suas gus an Àrd Bheag an ath bhliadhna cuideachd, is bidh e, tha mi an dòchas, deiseil airson samhradh 2014.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Uill, sin agad e! Tha feum agam a-nis coiseachd nan trì mìle air ais a Port Ilein. Seonaidh MacCoinnich. BBC An Là. Ann an Ìle.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!