FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The place that Peterhead holds in Jacobites Àite a th’ aig Ceann a' Phàdraig ann an Eachdraidh nan Seumasach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Àite a th’ aig Ceann a' Phàdraig ann an Eachdraidh nan Seumasach

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Nise, tha sinn glè mhath ann an Alba air a bhith a’ cuimhneachadh air Ar-a-mach nan Seumasach aig àm Chùil Lodair. Ach chan eil uimhir de chuimhne ga chumail air an ar-a-mach a bh’ ann deich bliadhna fichead ron sin ann an seachd ceud deug is còig-deug. Tha muinntir Cheann Phàdraig airson sin a chur ceart. ‘S ann an sin a thàinig an Old Pretender, Seumas Stiùbhart air tìr nuair a thill e às an Fhraing. Thathas an-dràsta trang a’ deasachadh airson an trì cheud bliadhna bhon uair sin a chomharrachadh ann an mhìle ‘s a còig-deug. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Smaoinich air Ceann Phàdraig, smaoinich air bàtaichean iasgaich agus lìn. Ach co mheud agaibh aig an robh fios mun àite a th’ aig a’ Phort ann an Eachdraidh nan Seumasach. ‘S ann ann a thàinig Seumas Stiùbhart air tìr anns an Dùbhlachd seachd ceud deug ‘s a còig-deug. Bha e a’ tilleadh ‘s na feachdan aige a’ strì ri rìghrean Pròstanach Hanover a chur far chrùn Bhreatainn.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha am pàirt dhen chala ris an can iad Cidhe Phort Eanraig dùinte an-diugh, ach ‘s ann air an dearbh làraich a thàinig Seumas Stiùbhart air tìr às an Fhraing air oidhche robach ann am muir garbh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Beagan sheachdainean ron sin, bha e a’ faileachadh air na Seumasaich buaidh fhaighinn aig Blàr Sliabh an t-Siorraim. Bha grunn dhe na h-uaislean a bha dìleas dha na Stiubhartaich a’ fuireach anns an Ear-Thuath. Nam measg, fear a bha a’ fuireach anns a’ chlobhsa-sa ann an Ceann Phàdraig, fear Seumas Park.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Chan eil rian nach robh e neònach dha-rìribh do Sheumas an-dèidh leòmachd Cùirt Rìgh na Frainge fhàgail, seo far an tàinig e. An-dèidh tighinn far a’ bhàta, thàinig e a-nuas tron chlobhsa a tha seo gu taigh Sheumais Park far an do chuir e seachad an oidhche agus an uair sin anns a’ mhadainn chaidh e air muin-eich sìos de phrìomh ròidean Cheann Phàdraig agus an sluagh ga choimhead.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Ged nach do shoirbhich le na Seumasaich, tha muinntir Ceann Phàdraig an dùil rud mòr a dhèanamh do chuimhneachan nan trì cheud bliadhna. ‘S tha iad airson gun tarraing e aire dhan bhaile.

[Anna Alton] Not many people know that The Old Pretender, as he was known, landed here in Peterhead in 1715. Even people that live in the town don’t know that. So we want to bring this out into the open, let everybody know about it and really have a fantastic year celebrating that event.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bidh coinneamh phoblach aca an ath sheachdain, airson tòiseachadh a’ deasachadh, ‘s a’ tarraing muinntir an àite a-steach air.

[Stephen Calder] We’re hoping to have things like street pageants, street theatre, re-enactments, looking out old songs, Jacobite songs for the schoolkids to sing, school projects, competitions.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] A dh’ aindeoin brosnachadh na bana-bhàird, Sìleas Na Ceapaich, chaidh an ar-a-mach bàs. Thill Seumas dhan Ròimh, ach cha chùm sin muinntir an ear-thuath gu na ghabhas a thoirt às am pàirt fhèin às an sgeul. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là, Ceann Phàdraig.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!