FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The first day of the summer club A’ chiad latha den chlub shamhraidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ chiad latha den chlub shamhraidh

[Preseantair] Às dèidh fois nan saor-làithean ’s e madainn a’ chiad latha den chlub shamhraidh a th’ ann.

[Màiri] Cha do ruith mi riamh club seachdain den t-seòrsa seo, ach tha mi eòlach air daoine a tha air a dhèanamh agus thug tòrr dhaoine cuideachadh dhuinn a thaobh, fhios agad, dè na rudan as fheàrr a dhèanamh agus thug iad tòrr tips dhuinn agus mar sin chan eil, chan eil cus dragh orm dè mar a thèid e ach tha uallach ann an dèidh sin. Tha mi fhìn gu math excited mu dè mar a thèid cùisean agus a’ coimhead air adhart ri coinneachadh ris a’ chloinn ùra a tha seo nach eil mi air coinneachadh ron seo agus mar sin fhèin na pàrantan aca. Bidh sin math.

[Alasdair] Sin as coireach gun do thagh sinne an theme a bha seo, Narnia: The Lìon, The Witch And The Wardrobe, oir ’s e Crìosdaidh a bh’ ann an C. S. Lewis agus tha tòrr dheth ’s ann a’ samhlachadh Crìosd agus an nàmhaid, Sàtan, tha an tòir air daoine agus tha e a’ feuchainn ri an cumail an grèim agus Crìosd a tha a’ tighinn airson an saorachadh.

[Màiri] Chan eil gu bhith againn ach uair a thìde san Acadamaidh son an talla a sgeadachadh tha sin a’ dèanamh beagan dragh dhomh, am faigh sinn air a h-uile càil a tha sin a dhèanamh. Tha mi ’n dòchas gun nochd dhà no trì bhoireannaich airson mo chuideachadh le sin!

[Preseantair] Agus tha tè dhiubh sin, Jan, air nochdadh mar-thà sa mhansa.

[Màiri] Seo a-nis.

[Preseantair] Shuas aig an àrd-sgoil tha ceud-cabhaig ann gus an talla a sgeadachadh.

[Màiri] Fhuair sinn a-steach dhan talla agus cha robh duine ann romhainn fhuair sinn beagan a bharrachd tìde a-nis airson a h-uile càil a chur ri chèile ’s tha e a’ tighinn na chèile bìdeag air bhìdeag. Bha dealbh agam na mo cheann ach chan eil fhios ’m a bheil e ag obrachadh a-mach mar sin. Tha na craobhan nas motha agus chan eil an sledge... Bha sinn ag iarraidh a’ white witch a bhith air a chùl ach co-dhiù, tha e a’ tighinn na chèile. Chan eil fhios ’m a bheil e coltach ris an rud a bha mi a’ smaoineachadh.

[Màiri] Tha sin a’ coimhead math.

[Màiri] Agus fear eile ann an sin.

[Màiri] Fhios agad air seo, chan eil aon phioc acrais orm-s’ an-dràsta. Tha e dìreach, adrenaline a’ dol. Tha mi dìreach ag iarraidh tòiseachadh ’s clann fhaicinn. Son nuair a thòisich sinn a’ cur am fear seo air dòigh bha iad ag ràdh “uill tha seo mìorbhaileach gu bheil seo air tòiseachadh air ais”. Fhios agad, b’ àbhaist rud dhen t-seòrsa seo a bhith anns a’ choimhearsnachd agus bha e a’ toirt daoine cruinn còmhla. Tha mi a’ smaointinn gun robh tòrr dhaoine toilichte gun robh rud dhen t-seòrsa seo a’ tachairt agus tha sin math agus tha e a’ toirt spionnadh dhut fhèin, fhios agad, rud dhen t-seòrsa seo a dhèanamh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!