FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new shop in Castlebay Bùth ùr ann am Bàigh a’ Chaisteil

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Bùth ùr ann am Bàigh a’ Chaisteil

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Dh’ fhosgail Comann Tuathanachais agus Gàirnealachd Bharraigh is Bhatersaigh bùth ann am Bàigh a’ Chaisteil airson cothrom a thoirt do dh’ eileanaich teachd a-steach nas fheàrr fhaighinn le a bhith a’ reic feòil, iasg, glasraich, obair làimhe agus eile. Thadhail Shona NicDhòmhnaill againne air a’ bhùth.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha feòil, iasg, bèicearachd, obair-làimhe is ealain gu leòr rim faighinn air Eileanan Bharraigh agus Bhatarsaigh. Thuige seo, ged-thà bha gach rud ga reic aig daoine fa-leth. A-nis, tha còrr agus leth-cheud duine air tighinn còmhla agus air bùth fhosgladh a tha a’ reic gach biadh is obair-làimhe a tha ri fhaighinn anns na h-eileanan ann an aon àite.

[Màiri Anna NicFheargais] Thòisich sinn ann am Barraigh a’ cur air adhart margaidh airson a bhith a’ reic rudan ionadail: feòil, glasraich; fuine. Is thòisich, an uair sin, daoine a’ cur a-staigh obair-làimhe, fighe is rudan a bha iad air a dhèanamh. Is mar sin, rinn sinn suas gum fosglamaid bùth. Dh’fheuch sinn seo airson mu thrì seachdainean agus bha sinn trang. Agus an uair sinn rinn sinn suas dìreach, gum fosglamaid aig tòiseach an t-seusain am-bliadhna agus gum feuchamaid cumail romhainn.

[Shona NicDhòmhnaill Neach-aithris] Tha cuideachd stuthan nach robh rim faighinn air an Eilean thuige seo gan toirt a-staigh dhan bhùth.

[Doreen McNeill] Tha e uabhasach fhèin math. Gheibh mi cuideachd stuthan airson bèicearachd. All the different flours, crystalised ginger, everything like that, all the jams, it’s all local, so yeah, that’s why I like to come in here, support the economy.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha a’ bhùth na deagh ghoireas, do mhuinntir an àite fhèin agus luchd-turais.

[Dan MacMhuirich] O, bùth bheag laghach a tha seo, agus a bharrachd air a bhith math, tha i cho central dhan bhaile bheag, deannan math a tha seo, nach tigeadh a-staigh air tìr-mòr. Ach, mar a chanas iad, rud a tha sinn a’ dèanamh an seo air an Eilean sinn fhìn. Tha deannan dhan sin e! Agus bheir sinn a-staigh airgead dha na daoine san eilean. Sin an rud a dh’fheumas sinn a bhith coimhead air.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha iomairt mar seo cudromach ann an coimhearsnachd bheag ann an eaconomaidh a tha an-còmhnaidh cugallach.

[Màiri Anna NicFheargais] O, tha e a’ dèanamh diofar mòr, mòr. Bha còrr is leth-cheud neach a’ cur stuth a-staigh dhan bhùth, ‘s tha iad a’ toirt taic a thaobh a bhùth a’ bhith ag obrachadh agus tha na daoine sin, ‘s ‘ad, tha e a’ cur beagan airgid ris a h-uile duine a tha sin, rudan a tha air a dhèanamh anns a’ choimhearsnachd, ma tha thu ga reic sa choimhearsnachd, tha airgead a’ fuireach sa choimhearsnachd, tha cus a bharrachd luach aige na bhith, can, a’ ceannachd rudan air an eadar-lìon. ‘S ‘ad, ma thig daoine a-staigh an seo ‘s a cheannachas rud a dh’fhaodadh iad air a bhith ceannachd air falbh. Tha e a’ cuairt ris an àite, ‘s tha i a’ cur ri eaconomaidh an àite.

[Shona NicDhòmhnaill –Neach-aithris] Tha a’ bhùth seo ga ruith, gu saor-thoileach, aig an fheadhainn a tha reic troimhpe na tha iad fhèin a’ dèanamh. Mar-thà, tha coltas ann gu bheil i ro bheag. Tha amas aig a’ bhuidhinn a th’ air cùlaibh na h-iomairt seo àite nas motha, le goireasan a bharrachd a bhith aca ann an ùine gun a bhith fada. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Barraigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!