FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Hostel opens as new in Garenin Ostail a' fosgladh as ùr ann am Baile nan Gearannan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Ostail a' fosgladh as ùr ann am Baile nan Gearannan

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha cuirm a’ dol ann am Baile nan Gearannan air taobh siar Leòdhais a-nochd, a’ comharrachadh gu bheil ostail, a dhùin ann, air ath-nuadhachadh. ‘s iad Urras Gatliffe a bha a’ ruith an ostail, ach tha Urras nan Gearranan air an uallach a ghabhail os làimh. Leis a’ ghoireas a’ fosgladh as ùr, tha dòchas ann gun tèid barrachd luchd-turais a thàladh dhan bhaile. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha muinntir Chàrlabhaigh gu math eirmseach a’ toirt aiseirigh air Baile nan taighean-dubha anns na Gearannan. Nam measg, tha togalach a tha air a bhith fo chùram Urras Ghatliffe mar ostail bho chionn còrr is fichead bliadhna agus tha e air cobhair a dhèanamh air iomadach truaghan ann an teant air na rinn an t-uisge no a’ mheanbh-chuileag a’ chùis.

[Iain MacArtair] ‘S e seo a’ chiad taigh a chaidh a dhèanamh an àirde ann am Baile nan Gearranan, taighean-dubha nan Gearranan co-dhiù. Agus chaidh a dhèanamh an àirde ann an naoi ceud deug nochad ‘s a h-aon. Agus aig an àm sin, cha robh Urras nan Gearranan, cha robh sinn buileach deiseil airson a ruith mar gum biodh, airson a’ gabhail a-nall, cha robh sinn aig an ìre far am b’ urrainn dhuinn sin a dhèanamh. Agus chaidh e thoirt air mhàl dha Urras Ghatliffe airson a ruith mar ostail.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Bha an t-Urramach Calum Iain MacLeòid na fhear-ceàird ag obair air na taighean-dubha nuair a chaidh an dèanamh an-àirde. Tha e freagarrach a-nise g ‘eil e a’ comharrachadh a’ phiseach a tha Urras nan Gearannan air a dhèanamh.

[Iain MacArtair] Dìreach gu bliadhna am foghar sa chaidh, bha Urras Ghatliffe ga ruith mar Ostail agus seach gun robh sinne a’ faireachdainn gum b’ urrainn dhuinn a-nis a ruith is a gabhail a-nall is gum biodh e, ‘s dòcha, na b’ fheàrr a bhith againne fhìn. Ghabh sinn a-nall e agus chaidh a dhèanamh an-àirde dìreach anns na mìosan mu dheireadh ‘s a tha sinn a-nis glè fhaisg gu bhith deiseil airson fhosgladh.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach, a bheil e idir na bhriseadh-dùil do luchd-turais nach eil na h-aon ghoireasan ‘s a bha san t-seann taighean-dubha aca san ostail?

[Iain MacArtair] Uill, tha mi an dòchas nach eil! Ach chanainn-sa gum biodh iad, ‘s dòcha, beagan nas cofhurtail an seo nam bhiodh iad ann an taigh-dubh. Tha a h-uile cofhurtachd aca an seo, tha blàth ‘s tha a h-uile goireas aca.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Agus chan eil iad gu bhith feitheamh fada mus fheuch iad ri daoine fhaighinn a-steach.

[Iain MacArtair] Le beagan sanasachd, tha sinn an dòchas gun tòisich luchd-turais a’ tighinn a lorg àiteachean den t-seòrsa. Tha e gu math saor a bhith a’ fuireach ann. Agus tha fhios againne gu bheil margaid ann airson àite den t-seòrsa. Agus bidh sinn an dòchas dìreach tòiseachadh an t-seachain sa tighinn, cho luath ‘s a ghabhas, air fhosgladh dha luchd-turais.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ceum ùrachaidh eile dha na taighean-dubha agus dòchas math gu soirbhich e. Aonghas Dòmhnallach. BBC An Là, anns na Gearranan.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!