FaclairDictionary EnglishGàidhlig

MG ALBA's yearly report Aithisg bhliadhnail aig MG ALBA

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Aithisg bhliadhnail aig MG ALBA

Angela NicIlleathain - Preseantair] Thàinig àrdachadh anns an àireamh dhaoine a tha a’ coimhead an t-sianail seo, BBC ALBA, anns a’ bhliadhna mu dheireadh. A rèir MG ALBA, a thabhainn an t-seirbheis ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, dh’ èirich an àireamh a tha a’ coimhead an t-sianail fhichead ‘s a sia às a’ cheud anns a’ bhliadhna mu dheireadh. Tha còrr is sia ceud mìle duine ann an Alba ga choimhead tron an t-seachdain. A’ foillseachadh aithisg bhliadhnail na buidhne an-diugh, thuirt ceannardan na seirbheis gu bheil iad mothachail gu bheil barrachd obrach ri dhèanamh fhathast. Seo Catriona NicFhionghain.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Air an dàrna fichead den t-Sultain, mhìle ‘s a h-ochd, thàinig BBC ALBA. ‘S e MG ALBA a’ bhuidheann a tha ann an co-bhann leis a’ BhBC gus an t-sianal a ruith. Agus an-diugh, dh’ fhoillsich iad an aithisg bhliadhnail aca. Tha na h-àireamhan a nochd an-diugh a’ sealltainn gu bheil barrachd a’ coimhead an t-sianail air feadh na dùthcha. Tha MG ALBA cuideachd airson dèanamh cinnteach gum bi fhios aig daoine nach fheum facal Gàidhlig a bhith aca ma tha iad airson an t-sianal a choimhead.

[Dòmhnall Caimbeul] Tha e sònraichte inntinneach gun tig daoine aig nach eil Gàidhlig a choimhead BBC ALBA ma tha prògraman ciùil, prògraman le sgeulachdan làidir, leithid documentaries, prògraman aithriseach agus cuideachd prògraman spòrs. Tha fhios againne air fad gu bheil rugbaidh agus ball-coise a’ tarraing tòrr dhaoine agus chan fheum sgilean cànain a bhith aca airson a bhith a’ coimhead an t-seòrsa phrògraman sin. Ach tha iad air an tarraing a-staigh gu saoghal na Gàidhlig agus tha iad a’ cluinntinn Gàidhlig agus ‘s e fìor dheagh rud a tha sin.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Tha na figearan a chaidh fhoillseachadh a’ sealltainn gu bheil luchd-amhairc air a dhol suas fhichead ‘s a sia às a’ cheud. Thairis air seachdain, bidh sia ceud seachd deug thar fhichead mìle duine air feadh na dùthcha a’ coimhead air an t-sianal. Àrdachadh cha mhòr cheud mìle ann am bliadhna. Cuideachd, bha ceithir puing a h-aon millean duine a’ coimhead air prògraman air an iPlayer, anns a’ bhliadhna a chaidh seachad. Ach tha daoine a’ faighinn cho tarraingeach mu dheidhinn an t-sianail?

[Dòmhnall Caimbeul] ‘S e spòrs na prògraman a tha air an coimhead nas bitheanta 's as motha gu dearbh fhèin, agus còmhla ris an sin, tha prògraman ciùil, agus, mar a tha mi ag ràdh, prògraman aithriseach cuideachd uabhasach fhèin làidir.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Ged a tha prògraman spòrs is prògraman ciùil gu h-àraidh a’ tàladh barrachd dhaoine don t-sianal, tha MG ALBA airson a dhol ceum air adhart, ‘s a tha iad a-nis a coimhead air barrachd dràma a chruthachadh.

[Dòmhnall Caimbeul] Uill, tha BBC ALBA air dearbhadh thairis air na còig bliadhna a dh’ fhalbh gum faod sinn a bhith ruith sianal làn-ùine, cha mhòr làn-ùine, seachd uairean gach air airgead a tha glè bheag, ach mar a tha sibh ag ràdh, tha dràma cosgail agus tha sinn a-nis a’ gluasad gu ìre far a bheil sinn a’ cur pròiseact leasachaidh ri chèile agus a’ tòiseachadh a’ coimhead air ciamar a thèid againne air an ath cheum a ghabhail gus dràma leantainneach a chur air BBC ALBA, gum bi sinn a’ tachairt, tha mi an dòchas.

[Catriona NicFhionghain – Neach-aithris] Catriona NicFhionghain, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!