FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An egg project from the fifties is revived Pròiseact uighean a bha a’ dol anns na h-Uibhistean anns na leth-cheudan ath-nuadhachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Pròiseact uighean a bha a’ dol anns na h-Uibhistean anns na leth-cheudan ath-nuadhachadh

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha Urras Ghoireasan Loch Baghasdail air pròiseact uighean a bha a’ dol anns an sgìre anns na leth-cheudan ath-nuadhachadh. Fhuair iad taic bhon Chrannchur Nàiseanta airson gnìomhachasan beaga a thòiseachadh a chuidicheas ann a bhith a’ toirt piseach air eaconomaidh an àite. Chaidh Shona NicDhòmhnaill am measg nan cearc airson tuilleadh fiosrachaidh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Anns na leth-cheudan, bha Co-comann Margaidheachda’ reic nam mìltean uighean às Uibhist tro sgeama a bha a’ toirt taic do chroitearan beagan teachd-a-steach a thoirt às toradh àireachas na croite. Tha Urras Ghoireasan Loch Baghasdail a-nis air pròiseact a chur air bhonn a tha a’ toirt cuideachadh do dhaoine a’ chiad cheum a ghabhail gu cosnadh a thoirt às reic uighean an-diugh. Seo mar a tha e a’ dol.

[Catriona Walker] Fhuair sinn airgead bho, mar a chanas iad, the Village SOS, airson buidheann a chur air aghaidh airson uighean a bhith ga faighinn anns an àite fhèin, far am faodadh daoine gnìomhasan beaga a dhèanamh suas dhaibh fhèin. Tha triùir againne an-dràsta. Thathar a’ ceannachd cearc air deich notaichean agus ma tha cuideigin ag iarraidh trì-cheud cearc, tha sinn a’ meanagadh gu bheil trì mìle not aig an duine sin ri chur a-mach airson na cearcan sin a cheannach. Ach chan eilear a’ gabhail an airgid suas an tòiseach, tha iad a’ pàigheadh na circe no nan cearcan nuair a tha na h-uighean a’ tighinn a-staigh. Bheir iad an t-airgead far na h-uighean a h-uile seachdain, so pàigheadh sin suas na cearcan.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Às aonais na taic sin, bhiodh e gu math doirbh gnìomhachas de deagh mheudachd a thòiseachadh.

[Ioseph MacIain] I don’t think you could ever have managed that, no, it would have been far too much, the cost would have been just too much altogether, I would say, aye. Here, you would only be able to start off with say, a few dozen at a time, you know, you’d never be able to manage on this scale. I think it’s a great scheme and I hope more people pick up on it and go for it, you know. You don’t have to take 330 hens, like I did, you know. You can take between 20 and 50 hens. I started off, I was only getting maybe a dozen a day, but now I’m up to 23 dozen a day, or so.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha am bèicear ann am Beinn na Fadhla a’ dol tro còrr agus ceud gu leth dusan ugh ann an t-seachdain. Agus thuige seo, cha robh na bha sin de dh’uighean ionadail rim faighinn.

[Ailean MacIlleathain] An fheadhainn sin a tha a’ toirt an stuth thugainn dhaibh, mar na co-ops, daoine mar sin. Tha iad ag iarraidh a h-uile sìon nas fheàrr fad an t-siubhail. ‘S tha fhios ‘am an aon rud dhen a bha iad ag iarraidh oirnne feuchainn ri shifteadh gu free-range uighean. Agus mar a thàinig seo mun chuairt bha cho math feuchainn air. Tha sinne, an aire sin fhèin, fad nas fheàrr ni thu fuine nas fheàrr leis na h-uighean. Tha barrachd neart annta agus tha iad nas fheàrr ann am pancakes, tha iad nas fheàrr ann an sgonaichean cuideachd, tha iad nas tasty. Tha fhios ‘am, mar a bhios fhios aig daoine g’ eil sinn gan cleachdadh gum biodh daoine nas toilichte a’ cleachdadh an stuth againne.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha an t-urras an dòchas gun gabh barrachd dhaoine ùidh anns a’ phròiseact agus nach fhada gus am bi na h-uighean ga reic air tìr-mòr cuideachd. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!