FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1450 years since St Columba came to Iona 1450 bliadhna ann bho thàinig Calum Cille chun an Eilein Idhe

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

1450 bliadhna ann bho thàinig Calum Cille chun an Eilein Idhe

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, thadhail Ceann-suidhe na h-Èireann, Mìcheal Higgins, air Eilean Idhe aig an deireadh-sheachdain agus iadsan a’ comharrachadh gu bheil mìle, ceithir cheud is leth-cheud bliadhna ann bho thàinig Calum Cille chun an Eilein. Thathar a’ smaoineachadh gur e Calum Cille a thug Crìosdaidheachd gu Alba an toiseach. Aig an deireadh-sheachdain ma-thà, chaidh seirbheis eacumainigeach a chumail ann an Abaid an Eilein. Chaidh Andreas Wolff ann dhuinne.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Thadhail Ceann-suidhe na h-Èireann, Mìcheal Higgins air Eilean Idhe far a bheil iad a' comharrachadh gu bheil mìle, ceithir cheud is leth-cheud bliadhna ann bho thàinig an Naomh Calum Cille dhan eilean an toiseach.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Thathar a' saoilsinn gur esan a thug an creideamh Crìosdail agus a' Ghàidhlig a dh'Alba. Chuir mi a’ cheist air Maighstir Higgins an robh e dhen bheachd gun robh na ceanglaichean eadar an dhùthaich fhathast cudromach san latha an-diugh?

[Mìcheal Higgins] There are opportunities that flow from the proximity of the two countries. But one of the ones. Some of the areas that I would myself twenty years ago when I was Minister for Culture, I think that are very important are in relation to what, are now called the creative industries.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] A bharrachd air diofar òraidean, fhuair an ceann-suidhe cothrom beagan fhaotainn a-mach mu bheul-aithris na sgìre.

[Màiri NicArtair] Innsidh mi dha gun robh dlùth… gu bheil Port Eilein dlùth air Port Ronan agus gur e Port Adhamhnan an t-ainm a th’ air agus tha sin ag innse dhuinn cho cudromach ‘s a bha Abaid Adhamhnan aig an àm.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bha buidheann às Èireann ag ùrnaigh fhad ‘s a bha iad a’ cuairteachadh tobar taobh a-muigh na h-Abaid. Agus chualas iomradh air cleachdaidhean ceangailte ris an Naomh.

[Flòraidh NicNèill] Lus Chaluim Chille. Nam faigheadh tu e gun sireadh gun iarraidh, bha e na bheannachadh mòr, agus 's e lus beag buidhe, dìreach mar gum biodh rionnag bheag.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Aig seirbheis eacumainigeach anns an Abaid, chualas guthan Albannach, cho math ri Èireannach, Caitligeach agus Pròstanach. Ach, cha robh a h-uile duine cinnteach mun cheangal a bh’aig Naomh Chaluim Chille agus Crìosdaidheachd.

[Aonghas MacNeacail] Dh’ fhàg e Doire, àite nan Darroch, ann an Èirinn an Tuath agus thàinig e gu Eilean Idhe, agus ‘s e eilean air cuimhneachadh air craobh eile. Tha mi a’ smaoineachadh, chan eil fhios ‘am an robh e air tighinn dhan Chreideamh Chrìosdaidh, nuair a thàinig e an seo, ach bha an t-seann chreideamh, gu h-àraidh, bha e follaiseach gun robh an t-seann chreideamh agus a’ chumhachd a bh’ aig craobhan anns an seann creideamh an làthair.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chualas sailm gan seinn ann an Gaelige cuideachd. Tha Eilean Idhe air a bhith gu math trang am-bliadhna agus a’ choimhearsnachd Chrìosdail air an eilean a’ comharrachadh seachdad ‘s a chòig bliadhna bhon a chaidh a stèidheachadh cuideachd. Andreas Wolff, BBC An Là, Eilean Idhe.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!