FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Connections between land, authors and literature in Edinburgh Ceangalan eadar làraich, ùghdaran agus obair litreachais ann an Dùn Èideann

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Ceangalan eadar làraich, ùghdaran agus obair litreachais ann an Dùn Èideann

[Angela NicIlleathain - Preseantair] ‘S iomadh turas a tha Baile Dhùn Èideann air nochdadh ann an litreachas. Tha cothrom ann a-nis barrachd ionnsachadh mu na ceangalan eadar làraich, ùghdaran agus obair litreachais. Tha app fòn-làimhe ann a-nis leis an ainm Slighe Leabhraichean Dhùn Èideann. Chaidh Darren Linc air chuairt gu prìomh bhaile na h-Alba airson barrachd fhaighinn a-mach.

[Darren Linc – Neach-aithris] Tha an app ùr seo a’ toirt dhut mòran roghainnean a thaobh càite an tèid thu agus co mu dheidhinn a dh’ ionnsaicheas tu. Feumaidh app sam bith ged-thà a bhith a’ còrdadh ris an luchd-cleachdaidh airson a bhith soirbheachail. Agus thug mi fhèin leam Donna NicSuain a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann feuch an robh ise a’ faicinn luach sam bith ann. Thòisich sinn ar turas aig an Fleshmarket.

[Donna NicSuain] A’ chiad sealladh, tha e uabhasach inntinneach. Tha mi fhìn ag ionnsachadh rudan nach robh mi fhèin eòlach air ron seo ged a tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Dùn Èideann a-nis airson ceithir bliadhna. Ach, chanainn gur e rudeigin a bhiodh na b’ fheumaile airson luchd-turais ma tha ùidh sònraichte aca ann an sgrìobhadairean agus bàrdachd is rudan mar sin.

[Darren Linc – Neach-aithris] ‘S e tidsear a th’ ann an Donna agus le bhith a’ cleachdadh an app airson beagan ùine a bharrachd, tha sinn a’ siubhail gu Cridhe Mheadhain Lodainn, chunnaic i dòigh anns am faigh i feum às a thaobh a dreuchd.

[Donna NicSuain] Bidh sinn uaireannan a’ dèanamh pròiseactan air Dùn Èideann agus ag ionnsachadh mu dheidhinn chuid dhe na sgrìobhadairean ainmeil agus bhiodh e glè mhath a dhol a-mach le buidhnean beaga agus coiseachd tro na sràidean, a’ stad agus ag ionnsachadh ‘s a’ faicinn dìreach mu dheidhinn nan leabhraichean ‘s nan sgrìobhadairean ‘s nan àiteachean inntinneach, eachdraidheil a th’ againne ann an seo.

[Darren Linc – Neach-aithris] Tòrr molaidh ann an sin ma-thà, ach aig deireadh ar turas aig Eaglais nam Manach Liath, tha mi airson faighinn a-mach bho Donna na h-atharrachaidhean a dhèanadh i air an app?

[Donna NicSuain] Aon rud, ‘s dòcha bhiodh glè mhath ma bha pìos aca far am b’ urrainn dhut ainm leabhair a thaghadh agus an uair sin gun toireadh e dhut na h-àiteachean ainmeil ann an Dùn Èideann a tha air nochdadh anns an leabhar ud. Chan eil mi a’ smaointinn gu bheil mòran eile a bhithinn ag atharrachadh. Tha rudan sgoinneil ann, mar faodadh tu… tha agallamhan aca le cuid dhe na sgrìobhadairean a tha beò an-diugh agus tha dealbhan ann, ‘s tha bhidiothan beaga ann is rudan mar sin.

[Darren Linc – Neach-aithris] ‘S e a’ chompanaidh aig Ailean Dòmhnallach a leasaich is agus a dh’fhoillsich an app agus tha dùil aige app eile a chur a-mach fhathast, an troip seo mu dheidhinn spòrs ann an Glaschu airson cothrom a ghabhail aig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis.

[Ailean Dòmhnallach] ‘S e Slighe Spòrs a tha a’ dol a bhith ann an Glaschu, ‘s e Slighe Litreachais a’ dol a bhith, mar a tha sinn a’ faicinn, tha a’ dol a bhith ann an Dùn Èideann. Na h-ath bhailtean far a bheil sinn a’ dol, ‘s dòcha bidh sinn a’ cruthachadh an sheòrsa slighe sin ann an cuid de na bailtean far a bheil sinn a’ dol. Seo agad a’ chiad bhaile aig UNESCO airson litreachas. Tha Alba fhèin sònraichte, tha barrachd de dh’fhèisean leabhraichean ann an Alba na tha ann an dùthaich sam bith eile a rèir na th’ ann de shluagh.

[Darren Linc – Neach-aithris] Sin agaibh ma-thà Slighe Litreachais Dhùn Èideann. Tha an companaidh a tha ga leasachadh, PurpleTrails, ag ràdh nach eil an-dràsta a’ nochdadh ach air siostam Apple. Ged-thà, tha iad air beachdachadh mu sin a leudachadh a-mach gu siostam Android agus, ’s dòcha gu siostam Windows cuideachd san ùine a tha ri teachd. Darren Linc, BBC An Là, Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!