FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sucbcommittee about concerns about the bus service in Lewis Co-chomhairleachaidh mu ghearraidhean anns an t-seirbheis bhus ann an Leòdhas

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Co-chomhairleachaidh mu ghearraidhean anns an t-seirbheis bhus ann an Leòdhas

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha ùine a bharrachd ga thoirt do mhuinntir an Rubha agus Loch a Tuath ann an Leòdhas a dhol an-sàs ann an co-chomhairleachaidh mu ghearraidhean anns an t-seirbheis bhus aca. Bha còir aig a’ cho-chomhairleachaidh dùnadh aig meadhan na h-ath mhìos ach cha robh comhairle coimhearsnachd an Rubha toilichte mun an sin idir. Seo Dòmhnall MacLaomainn.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cosg còig puing a cheithir millean not gach bliadhna son taic a thoirt do sheirbheisean bus air feadh nan Eileanan an Iar agus iad fhèin a’ ruith nan seirbheisean eadar sgìrean an Rubha agus sgìre Loch a Tuath gu Steòrnabhagh. Ach le na seirbheisean a’ dol a-mach gu tairgse an ath-bhliadhna, tha an Comhairle airson gearradh na seirbheis.

[Tormod MacLeòid] Chanainn-sa gu bheil suas gun seo fhèin gu bheil Rolls-Royce service againne ga thoirt seachad, ach chan urrainn dhuinn cumail a’ caitheamh airgead air sin nuair a tha seirbheisean eile a’ fulang cuideachd.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Mar a chì sibh air mo chùlaibh, chan eil trioblaid sam bith aig a’ chomhairle le busaichean. Tha e a’ fàgail aig an àm-sa mu chairteal an-dèidh còig, tha iad uile làn. ‘S e an trioblaid a th’ aca le busaichean a’ fàgail tron latha. Glè thric, tha iad letheach falamh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha planaichean na comhairle dìreach a’ dol a-mach gu co-chomhairleachaidh agus ‘s an sin far a bheil a’ chonnspaid. A rèir comhairle coimhearsnachd an Rubha, tha a’ chomhairle a’ cur a-mach a’ cho-chomhairleachaidh aig àm mì-iomchaidh.

[Comhairliche Tormod MacLeòid] Feumar a’ toirt dhan an Rubha. Feumaidh an comhairle an t-sluagh a thoirt leotha. Feumaidh iad sin a thuigsinn. Agus chan eil càil a mhath dhaibh feuchainn ri rudan mar seo a chur tarsainn air an t-shluagh meadhan an t-samhraidh nuair a tha a’ chuid mhòr dhen t-sluagh air na làithean-saor’. Carson nach fhaod sinn fuireach? Carson a tha an all-fired hurry a tha seo?

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Bha coir aig a’ cho-chomhairleachaidh dùnadh meadhan na h-ath mhìos, dìreach nuair a tha na sgoiltean a’ dol air ais a-steach. Ach thàinig naidheachd nas fheàrr a-steach an-diugh.

[Tormod MacLeòid] Tha aon phìos mhath de naidheachd a fhuair sinn bhuapa an-diugh. Tha sinn a’ deasbaid riutha. ‘S e sin g’ eil sinn a’ dol a dh’fhaighinn colla-deug a bharrachd airson consultation agus bidh an t-àm a tha sin suas gu toiseach an t-Sultain agus bidh sin fosgailte dha duine sam bith a thighinn air adhart.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Bheir sinn cothrom don chomhairle coimhearsnachd anns an Rubha coinneachadh leis a’ chomhairle airson bruidhinn mu dheidhinn nan gearraidhean a tha ri thighinn ris na seirbheisean. Ach, tha cuid den bheachd g’ eil an comhairle feuchainn ri putadh nan gearraidhean troimhe nuair nach eil daoine a’ coimhead. Chan eil fhios a bheil sheachdain a bharrachd airson a’ co-chomhairleachaidh a’ dol a dh’atharrachadh a’ bheachd sin. Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!