FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Putting down roots A’ cur sìos freumaichean

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ cur sìos freumaichean

[Màiri] Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh tòrr rudan snog an cois na h-obrach. Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh bainnsean ’s bhiodh baisteadh ’s tha mi a’ smaoineachadh gun robh dealbh agam dha tòrr rudan àlainn a bhiodh a’ tachairt. ’S tha mi a’ creidsinn gu bheil mo shùilean air fosgladh gu mòr dha a h-uile seòrsa rud eile a dh’fhaodadh a bhith an lùib a bhith sa mhinistearalachd.

[Preseantair] Às dèidh a’ chiad bhliadhna mar mhinistear agus bean ministeir tha Alasdair agus Màiri air freumhaichean a chur sìos ann am Baile Dhubhthaich agus a-nis tha misneachd aca coimhead air adhart.

[Alasdair] Tha e a’ toirt greis mus tuig thu coitheanal agus bha ollamh agam anns a’ cholaiste a bhiodh a’ cantainn rinn “na atharraich càil anns a’ chiad bhliadhna”. ’S e reusanachadh a bh’ aige fhèin gun tuig thu carson a tha rud air a dhèanamh anns an dòigh anns a bheil e air a dhèanamh. Cha do rinn sinn tòrr atharrachaidh mar sin. Rudan beaga agus rudan tha mi a’ smaoineachadh gun robh taic ann air an son. Ach tha sinn a’ faicinn a-nis gu bheil, tha an eaglais ann am Baile Dhubhthaich rudeigin beag. Ghabhadh i ’s dòcha fichead duine eile air madainn Sàbainn. Tha mi a’ smaoineachadh ann am beagan bhliadhnaichean gum feumadh sinn togalach nas motha agus mar sin tha sinn air tòiseachadh a’ lorg làrach airson eaglais ùr air no togalach a th’ ann mar-thà a ghabhadh atharrachadh. ’S e rud math a tha sin gur e sin an duilgheadas a th’ againn – dìth àite.

[Màiri] Tha mis’ gu bhith seo gu brath tuilleadh! Chan eil mise a’ dol a lìonadh bucas tuilleadh! Tha mi a’ smaoineachadh dh’fheumadh an Cruthadair a dhèanamh gu math soilleir dhuinn gum biodh E ag iarraidh oirnn falbh mus fhalbhadh sinn taobh sam bith.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!