FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Skye Book Festival Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha an fheadhainn a th’ air chùlaibh Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich ag amas gum bi i na dhen fheadhainn as fheàrr ann an Alba. Thàinig an dàrna fèis gu ceann air an deireadh-sheachdain ‘s chaidh Eilidh NicLeòid againne ann airson blasad fhaighinn air na bha a’ dol.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Sgrìobh Màiri Hedderwick còrr air deich stòiridhean mun nighinn bhig, Katie Mòrag. Ach, ged is e briseadh-dùil a th’ ann dhan fheadhainn a tha fhathast air am beò-ghlacadh leatha, tha an t-ùghdar ag ràdh nach sgrìobh i an còrr mu deidhinn.

[Màiri Hedderwick] I’m tired of, well, her a little bit and I want to explore other kinds of writing. So tonight, it’s very nice of the organisers here of the Skye Festival, they have offered me a slot with the adult books.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha an sgrìobhadair air a dòigh cuideachd as-dèidh leth-bhreac de sheann leabhar-siubhail bho Linn Bhictoria, a bha i air a chall, a lorg aig an fhèill de sheann-leabhraichean a bha a’ dol aig an aon àm ris an fhèis. Cha b’ i, ged-tà, an aon duine a dh’ fhàg an fhèill toilichte.

[Dòmhnall MacEanraig] Tha rudeigin mu dheidhinn Alba an-dràsta, tha a h-uile duine dìreach ... chì thu sin an sluagh a tha tighinn a-staigh an seo – a h-uile Rìoghachd, Italians, ‘s tha siud a chunnaic thu an ceart uair a’ ceannachd rudan is tha dìreach Alba air a’ Mhapa a-nis. Chan eil fhios ‘am an e poilitigs a tha ga dhèanamh, ach tha rudeigin ann.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tormod Dòmhnallach a’ cur fàilte air a’ Bhall Phàrlamaid Eòrpach, Struan Stevenson. B’ e an cuspair an leabhair aige anns a bheil e a’ cur ceistean cruaidh mu ghnìomhachas a’ chumhachd ath-nuadhachail. Ach chanadh e ri coimhearsnachd a tha faighinn buannachd à tuathan-gaoithe?

[Struan Stevenson] It doesn’t reduce CO2 emissions. It drives up electricity prices. It drives people out of the tourist industry. It’s the new Highland Clearances, if you like. And this time, it’s not to replace people with sheep; it’s to replace people and tourist industries with giant, useless wind turbines.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] A dh’ aindeoin farsaingeachd nan cuspairean cha do nochd mòran Disathairne. Tàmailteach dhan fheadhainn a chuir an tachartas air dòigh ach eu-coltach ri cuid dhe na cuirmean eile, far an robh sluagh math. Ach tha misneachd aca mu inbhe na fèis san àm ri teachd.

[Dòmhnall Dòmhnallach] Tha dìreach an àrainneachd agus na seallaidhean a’ gluasad dhaoine gu bàrdachd agus gu bhith a’ cur peann ri pàipear agus tha mi a’ smaoineachadh gum bu chòir fèis dhen t-seòrsa seo a bhith anns an Eilean Sgitheanach. Tha an fhèis seo anns an dàrna bliadhna. Tha i gu math òg fhathast. Bhiodh sinn an dòchas bliadhna air bhliadhna gum fasadh i agus gum faigheadh i cliù air feadh na dùthcha airson fear de na fèisean as fheàrr ann an Alba.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, An t-Eilean Sgitheanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!