FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Teachers are needed at Glasgow Gaelic School Tidsearan a dhìth aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Tidsearan a dhìth aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, ‘s e a’ chiad latha sa sgoil a bh’ ann an-diugh airson faisg air ceud sgoilear aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Le còrr is seachd-ceud duine-cloinne a-nis a’ frithealadh na sgoile, bho aois trì gu ochd bliadhn’ deug, tha barrachd thidsearan a dhìth agus tha e air faileachadh orra feadhainn ùra fhastadh. Chaidh Caitriana Deeprose air ais dhan sgoil an-diugh cuideachd.

[Caitriana Deeprose – Neach aithris] A’ chiad latha air prìomh a seachd airson na sgoilearan seo aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha tòrr air atharrachadh bhon a thoisich iadsan sa sgoil le còrr is seachd-ceud a-nis a’ dol innte. Ach tha e air faileachadh air a’ chomhairle na tidsearan a tha dhìth fhastadh.

[Donalda NicComb] Tha na tidsearan gu math gann am-bliadhna airson adhbhar air choreigin. Tha sinn a’ cluinntinn gu bheil an stòiridh gu math diofraichte son an ath-bhliadhna ach aig an ìre seo, tha sinne fhathast thidsear sìos anns a’ bhun-sgoil. Agus ged a chaidh sanas a-mach anns an Ògmhios, cha robh sinn soirbheachail a thaobh daoine agus tha sinn an dòchas ma thig sanas a-mach a-rithist g’ eil cuideigin ann, ‘s dòcha, a tha a’ gluasad à, ‘s dòcha àiteigin, ‘s tha iad ag iarraidh rudeigin ùr fheuchainn. ‘S cuideachd san àrd-sgoil, tha na h-àireamhan air àrdachadh a-rithist, bidh sinn a’ feuchainn ri tidsearan ùra a thàladh san àrdsgoil.

[Caitriana Deeprose – Neach aithris] Is bidh barrachd sheòmraichean a dhìth san àm ri teachd.

[Donalda NicComb] Tha sinn a’ dèanamh an gnothach dìreach am-bliadhna. Ach, feumar planaichean a dhèanamh airson na h-ath-bhliadhn’. Agus, mar a tha fhios agad, anns an togalach a tha seo, tha aon ùrlar falamh fhathast, agus tha ‘s dòcha letheach dheth, fhathast nach eil air an sgeadachadh. Tha dòighean air rudan a dhèanamh airson sin a leudachadh, ach chì sinn thachras.

[Caitriana Deeprose – Neach aithris] Tha obair air tòiseachadh a-nis air bun-sgoil Ghàidhlig eile ann am Pollokshields, is dùil gum fosgail sin an ceann bhliadhna.

[Jim Whanel] Tha cothroman airson daoine a tha fileanta sa chànan obair fhaighinn ann an Glaschu ann am foghlam tro Ghàidhlig, a chionn gu bheil na h-àireamhan a’ dol suas agus tha sinn a’ sùileachadh gum bi sin a’ tachairt bliadhna as dèidh bliadhna agus mar sin, tha sinn a’ fosgladh na darna sgoil.

[Caitriana Deeprose – Neach aithris] Caitriana Deeprose, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!