FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Seed Lorry in Forres Làraidh sìl ann am Farrais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Làraidh sìl ann am Farrais

[Iain MacAonghais- Preseantair] Nise, tha làraidh an-dràsta a’ dèanamh a slighe eadar Ulapul agus Obar Dheathain, a’ stad ann an diofar àiteachan, ‘s tha iad ag amas barrachd eòlais a thoirt do dhaoine a thaobh a bhith a’ fàs biadh. Tha an làraidh sìl a’ cur air dòigh tachartasan le sgeulachdan, spòrs agus cèilidhean agus tha iad a’ feuchainn ri daoine a bhrosnachadh am biadh fhèin fhàs. Chaidh Calum MacIlleathain againne gus blasad fhaighinn air na bha a’ dol.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] A’ teagaisg tro spòrs agus bùthan-obrach, tha an làraidh sìl a’ toirt air daoine feuchainn ri am biadh fhèin fhàs agus a’ tabhann sìol dhaibh an-asgaidh. Tha coltas gu bheil ùidh dhaoine ann a bhith a’ faighinn a-mach co às a thàinig am biadh a’ fàs.

[Fergus Walker] Tha mi a’ smaointinn gu bheil e gu math cudromach a bhith a’ sealltainn air a’ chearcall a tha biadh a’ leantainn agus tha tòrr ri theagaisg mu dheidhinn sin agus tha tòrr ri ionnsachadh. Ach tha mi a’ smaointinn gur e an rud as cudromaiche a thaobh a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn sin, a bhith a’ toirt a-staigh buaidh a’ chultair. Tha liosta mhòr againne, tha sinn a’ brosnachadh a’ bhidhe aig an robh tùs ann an Alba. Tha beairteas mòr ann an sin agus tha mi a’ smaointinn ma tha sinn a’ brosnachadh nan seòrsaichean de bhiadh, nan seòrsaichean sìl bho gach àite, gu bheil ceangal aig daoine ris an fhearann agus ris an àite aca fhèin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha am pròiseact air an ruith mar cho-obrachadh eadar buidhnean Fife Diet agus WWF na h-Alba, le taic bho Chrannchur Còd-Puist a’ Phobaill. Thòisich an làraidh ann an Ulapul a’ tadhal air ochd làraichean agus a’ crìochnachadh ann an Obar Dheathain Disathairne. Chaidh an tachartas seo a ruith aig Lios Transition Town ann am Farrais.

[Carin Schwartz] It’s to get communities to feel that they can do something positive, to feel more active and empowered in terms of climate change and peak oil and the various different threats to our lives that we experience today. So it’s just to try to empower people and show them that you can have fun, that you can do things to get more in charge of your life yourself.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha fiù ‘s an carbad fhèin cudromach ann a bhith a’ sgaoileadh teachdaireachd an sgeama, mu ath-chuairteachadh agus ath-chleachdadh stuthan. Tha an làraidh a’ ruith air seann ola a chaidh a chleachdadh air sliseagan agus biadh a chaidh a fhraidhigeadh. Am measg na spòrs, tha cuspairean cudromach gan togail. Nam measg, còraichean dhaoine na h-Alba an talamh a chleachdadh.

[Iain Mac Fhionghain] Oir airson croitearan co-dhiù, tha tòrr talmhainn againne gu bhith ga cleachdadh, gu a bhith a’ fàs lusan agus buntàta agus a’ cumail beathaichean agus tha sinn gu math fortanach, tha mi a’ smaoineachadh carson nach eil cothroman mar seo ann airson dhaoine air feadh Alba.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] ‘S e aon de dh’ amasan a’ phròiseict seo, a’ toirt air daoine smaointinn mun oidhirp a tha a’ dol a-steach dham biadh fhèin a chruthachadh. Calum MacIlleathain, BBC An ann am Farrais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!