FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The new dance at the centre of an art installation An dannsa ùr aig cridhe an obair ealain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

An dannsa ùr aig cridhe an obair ealain

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, creideamh – tha e a’ ciallachadh aig ìre phearsanta? Uill, b’ e sin cuspair tachartas ealain ann am Port Rìgh a bha a’ dol air an deireadh-sheachdain. Bha e mar phàirt den phròiseact nàiseanta a’ coimhead air atharrachaidhean mòra ann an eachdraidh na h-Alba. Mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] An dannsa ùr aig cridhe an obair ealain – coimisean le Skye Arts agus mar a dh’eadar-theangaich buill Skye Dance cuspair a’ phròiseict, creideamh.

[An t-Urr Iain Urachdan] Thig iad còmhla agus bha beagan de phutadh a’ dol agus eile agus an uair sin dhealaich iad airson greiseag agus thigeadh iad air ais ri chèile. Agus bha mise a’ faireachdainn gun robh sin gu math coltach ri beatha spioradail. Gu bheil amannan ann nuair a tha e tòrr nas ciùine ‘s tha a h-uile càil a’ dol dìreach da rèir. Agus amannan eile nuair a tha strì ann, tha e mì-chofhurtail agus tha thu a’ faireachdainn gu bheil thu gad tharraing, cha mhòr ga do reubadh às a chèile.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha dannsa Sgitheanach mar phàirt de phròiseact nàiseanta a tha a’ coimhead air cuspairean mòra ann an eachdraidh na h-Alba

[Bh-ch Ealasaid Burrgy] And all of those movements with either a pleading or an offering, or searching inwards or the struggle. It really reflected well, I think the journey of faith.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha gach obair a’ ceangal dealbh a gheibhear anns a’ Ghailearaidh Nàiseanta ri cuspair. ‘S e am mural aig Uilleam Pole a’ sealltainn Calum Cille a’ bruidhinn ri na Cruinnich a bhrosnaich phròiseact Phort Rìgh.

[Robin Bailie] Behind me over there, obviously, a key site associated with him on the Island and that direct connection that Skye has and I suppose the spiritual sense that’s left.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chualar teisteanas luchd-bruidhne agus an ceangal eadar ealan agus a’ bheatha-spioradail agus beachd ann cleas an danns’ gum bu chòir gluasad a bhith na chois.

[An t-Urr Iain Urachdan] Agus gun robh sinn a’ dèanamh rudan Gàidhlig a bha cruthachail, ùr, ealanta an-dìugh agus mar sin bhiodh e sealltainn gu bheil an Cruthaidhear cruthachail, a chionn ‘s e sin a tha sinn a’ creidsinn, carson nach eil sin ga shealltainn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Port Rìgh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!