FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The newest opera society in Scotland Comann opara as ùire ann an Alba

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Comann opara as ùire ann an Alba

[Innes Rothach - Preseantair] 'S ainneamh a tha ceangal ga dhèanamh eadar opara agus an t-Eilean Dubh - ach 's iongantach mura h-atharraich sin a-nis agus an comann opara as ùire ann an Alba air gabhail chun an àrd-ùrlair airson a' chiad uair. Ghabh còrr agus trì fichead duine ’s a deich pàirt anns a’ chiad dealbh-chluich aig Comann Opara Òigridh Chrombaidh a bha ri fhaicinn ann an Eaglais na h-Alba anns a’ bhaile air an deireadh sheachdain. Bha Seonaidh MacCoinnich san luchd-èisteachd.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] An dealbh-chluich opara Noye’s Fludde anns an Eaglais an Iar ann an Crombaidh air an Eilean Dubh le Opara Òigridh Chrombaidh, ach an stòiridh air Noye’s Fludde?

[Clodagh] Tha an opara mu dheidhinn Noah’s flood a bha bhon Bhìoball agus aig an tòiseach nuair a tha Noah a’ cur suas a’ bhàta, chan eil Mrs Noah ag iarraidh a dhol a-steach oir chan eil i a’ smaoinicheadh gu bheil seo a’ dol a thachairt.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Chuir Edward Caswell, stiùiriche-ciùil le companaidhean opara eadar-nàiseanta buidheann opara Chrombaidh air dòigh. Seo a’ bhuidheann as ùire den t-seòrsa ann an Alba. Thàinig Edward ‘s an teaghlach a dh’fhuireach dhan sgìre mu bhliadhna air ais. Ach às dèidh a bhith ag obair còmhla ri orcastradhan mòra nan Roinn Eòrpa, carson a bha e ag iarraidh obrachadh le clann òga sa Ghàidhealtachd?

[Edward Caswell] Children are at their happiest, I think, when they are singing, and I’ve worked with the singers, children, in schools singing and seen what a great time they have. And this is an opportunity to introduce them to opera, it’s the perfect piece to introduce them to opera and I’m happy to say they’ve loved it.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Uile gu lèir, bha còrr agus trì fichead ‘s a deich duine cloinne is inbhich air an àrd-ùrlair, eadar cluicheadairean agus ceòladairean. an duilgheadas a chuir seo air Edward?

[Edward Caswell] Just sourcing singers and instrumentalists has been difficult, but actually we’ve been very lucky as people have come from long distances. Our wonderful percussionist, Alison Russell, she’s come all the way from Perth. She is spending a week in Cromarty to be with us. And other people have actually come up from London. So the problem is that you have got to pull a huge number of people together.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] ‘S e an ath cheum taic-airgid fhaighinn gus a’ bhuidheann a chumail a’ dol fad na h-ath-bhliadhna. Dh’fhaighnich mi do Chlodagh an diofar a tha eadar a bhith a’ seinn ann an opara an taca ri òran Ghàidhlig?

[Clodagh] Tha feum an amhaich a bhith fosgailte agus rudan beaga mar sin. Ann an Gàidhlig, chan eil sin cho cudromach ‘s a tha e ann an opara.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là. A’ Chrombaidh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!