FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ten years since the Applecross Heritage Centre opened Deich bliadhna bho dh' fhosgail na dorsan aig Ionad Dualchais na Comraich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Deich bliadhna bho dh' fhosgail na dorsan aig Ionad Dualchais na Comraich

[Alasdair Friseil - Preseantair] Nise, tha Ionad Dualchais no taigh-tasgaidh na Comraich a' comharrachadh deich bliadhna bho dh' fhosgail iad na dorsan. Tha iad air a bhith air leth soirbheachail fad na h-ùine sin le grunn nithean inntinneach bho na seann làithean anns an sgìre gan taisbeanadh, ach gu h-àraidh, a' chuibhle shnìomh - rud a bha uaireigin bitheanta air a' Chomraich. Tha Padraig MacAmhlaigh ag aithris.

[Padraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha a' Chomraich air atharrachadh gu mòr, eadhon mu mheadhan an Fhicheadamh Linn. Seann chleachdaidhean air a dhol à bith, cuid dhiubh nach till. Ach co-dhiù, rinn muinntir na sgìre cinnteach gun deach an eachdraidh aca a ghleidheadh.

[Padraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha Ionad Dualchais na Comraich air a bhith fosgailte dìreach deich bliadhna. Thar na h-ùine sin, tha mìltean dhaoine air a dhol tro na dorsan – mhìle dhiubh am-bliadhna fhèin. Tha dualchas làidir an seo agus aig cridhe an dualchais sin, tha a' chuibhle shnìomh.

[Padraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Air sgàth na h-oidhirp a rinn a’ choimhearsnachd, tha seann sgilean, leithid snìomh fhathast san fhollais.

[Gòrdan Camshron] Tha feadhainn fhathast anns an sgìre a tha ga dhèanamh mar chur-seachad agus tha feadhainn fhathast ga dhèanamh mar ghnìomhachas cuideachd air a’ chost a Tuath. Tha teaghlach an sin a tha ag obair gu dlùth ri clòimh is rudan mar sin, snìomh agus tha na sgilean sin againne fhathast anns a’ choimhearsnachd, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach gu bheil sinne mar bhuidheann a’ cur taic riutha.

[Padraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Tha Mairead Pheutan air a bhith a’ snìomh an seo bho dh’ fhosgail an t-ionad, a’ sealltainn do shean is òg ciamar bu chòir a dhèanamh, cur-seachad a tha fìor chòrdadh rithe.

[Mairead Pheutan] It’s absolutely wonderful, thank you very much. In the winter it keeps me going because I wash little bits of fleece and I put them out to dry and I do a little bit of dyeing too, so that keeps me going and then I knit little things too, but it’s the summertime. In the winter, we’re all schizophrenics, I think. There’s the winter life and there’s the summer life, like your winter palace and your summer palace, so it’s always interesting.

[Padraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Agus ciamar a chòrd e ris a’ chaileig seo bho cheann a Deas Shasainn?

[Katie] It’s really interesting learning about all the wool and stuff coming from Scotland. Learning how to actually do it instead of like the machineries, learning how they used to do it.

[Gòrdan Camshron] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach oir tha ise a’ tàladh uiread de dhaoine dhan taigh-tasgaidh, dhan Ionad dualchais a tha seo agus chì thu gu bheil an uiread a’ gabhail tlachd às na tha i a’ dèanamh. Tha e cuideachd cudromach gu bheil daoine a’ faicinn rudan mar seo a tha traidiseanta a bhuineas dhan a sgìre gu bheil cuideigin fhathast comasach na sgilean sin a chur an gnìomh.

[Padraig MacAmhlaigh – Neach-aithris] Padraig MacAmhlaigh, BBC An Là, A’ Chomraich.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!