FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Celebrating Margaret Faye Shaw A' chomharrachadh Mairead Faye Sheathach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

A' chomharrachadh Mairead Faye Sheathach

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha beatha Mairead Faye Sheathach agus an cruinneachadh de dh’ òrain Gàidhlig a rinn i ga chomharrachadh ann am pìos dràma-ciùil ùr. Bidh Eun Beag Chanaigh air a thaisbeanadh ann an grunn àiteachean le Theatre Nàiseanta na h-Alba agus tro fhèis Blas. Fhuair Shona NicDhòmhnaill againn fhèin cothrom air blasad fhaighinn air na bhios ron luchd-èisteachd agus mìneachadh carson a tha an tachartas cudromach.

[Pòl MacCaluim] Sin rud a tha cudromach mu dheidhinn dhealbhan-cluiche mar seo. Gur e an fhìrinn a thèid a chur tarsainn. A chionn, tha e uabhasach fhèin cudromach an obair a rinn i. Ghlèidh i dualchas agus ceòl agus eachdraidh is ùrnaighean is òrain nan daoine agus ghlèidh i iad mar a thug iadsan seachad dhìth e.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha earrannan à fèin-eachdraidh beatha Mairead, litrichean, dealbhan pearsanta agus criomagan film à beatha nan eilean air an cleachdadh airson an dràma ciùil.

[Fiona NicChoinnich] Bha mise a’ coimhead airson deagh eisimpleir de na seòrsa stoidhlichean agus na h-òrain eadar-dhealaichte, bha na seinneadairean eadar-dhealaichte agus òrain aotrom agus òrain nas doimhne agus òrain le sgeulachdan dìreach a’ dèanamh seòrsa dealbh air beatha ann an Uibhist agus Canaigh cuideachd.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thig an dràma air feadh na Gàidhealtachd, ach tha e a’ tòiseachadh ‘s a’ crìochnachadh anns na h-eileanan a b’ fhaisge air cridhe Mairead.

[Fiona NicChoinnich] Tha sinn a’ tòiseachadh ann an Uibhist agus chan eil àite sam bith eile far am bu chòir dhuinn a bhith tòiseachadh ach ann an seo, far an dh’ fhuair Mairead na h-òrain, far an dh’ fhuair Mairead an cànan agus far an dh’ fhuair Mairead an teaghlach aice. Agus tha mi cinnteach gum bi a h-uile duine ann an seo ag èisteachd, gu math mionaideach, ri na h-òrain agus na faclan.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Agus tha an ceòl a tha air a chleachdadh cudromach na dhòigh fhèin.

[Dòmhnall Seathach] We wanted to have instrumentation that reflected Margaret Faye Shaw’s love of other forms of music, like jazz and classical music and also her love of the piano, which was a big deal.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e cothrom a bh’ ann dhan luchd-ciùil fhèin eòlas a chur air an obair aig Mairead.

[Innes MacGilleBhàin] Cha robh fios agam air cho mòr ‘s a bha an stòras a bha i air fhàgail dhuinn oir bha mi air cluinntinn mu dheidhinn Mairead roimhe seo, ach cha robh fhios agam air an uimhir de dh’ òrain a bh’ aice.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Agus ‘s e sin fear de na h-amasan a th’ aig an dràma-ciùil seo, ainm agus obair Mairead Faye Sheathach a chur fa chomhair luchd-èisteachd ùr. Shona NicDhòmhnaill. BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!