FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Using seaweed in Grimsay A' cleachdadh feamainn ann an Griomasaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

A' cleachdadh feamainn ann an Griomasaigh

[Angela NicIlleathain - Preseantair] `S e feamainn cuspair na co-labhairt, an talamh dubh, ann an Griomasaigh am-bliadhna. Nithear sgrùdadh air an dòigh as fheàrr a chleachdadh airson talamh mòintich a leasachadh. Bhathar ag àiteach na talmhainn sa sgìre suas gu na trì ficheadan. Tha an aithris seo bhon naidheachd againn ann an Uibhist, Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A’ togail a’ bhuntàta à sreath de fheannagan ann an Griomasaigh, an talamh dubh, air taobh an Ear Uibhist a tha cho doirbh obrachadh.

[Iain Stephen Moireasdan] Tha sinne ag obrachadh cruit anns a’ mhòintich agus mar a tha sinne ga h-obrachadh ‘s ann dìreach airson ionaltradh, tha caoraich a’ ruith oirre oir mar a tha i tha an talamh cho bochd ‘s chan eil mòran eile a ghabhail deanamh leatha gun chosgais mhòr. Tha sinn a’ faicinn an seo mar a tha iad a’ beachdachadh air mar a ghabhadh bàrr a thogail bhuaithe agus tha obair mhòr an-sàs ann. Tha mi smaointinn gum bi e doirbh obrachadh timcheall air an sin oir mar a tha cruitearan anns a’ chumantas, tha iad ag obair làn ùine agus ‘s ann anns na feasgaran ‘s aig an deireadh-sheachdain a tha iad a’ dèanamh obair air an talamh. `S mar sin chan eil ùine aig daoine, mar a bha ‘s dòcha bho chionn ceud bhliadhna no cheud bhliadhna, a bhith ag obrachadh na talmhainn anns an aon dòigh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh feamainn a chleachdach ann an diofar dhòighean air na feannagan seo. A-nis thathar a’ tomhas toradh na talmhainn anns na diofar dhòighean anns an deach an fheamainn a chleachdadh agus cuideachd bithear a’ dèanamh deuchainn air na thàinig às agus air an ùir mar a dh’atharraich e no na dh’atharraich e.

[Oliver Knox] The rotted seaweed application, for whatever reason that we, at the moment, that can’t make sense of has had a huge impact in terms of the crop productivity, better than the fresh, better than the liquor extract. Nutritionally they’re all very similar but for some reason that rotted material has made a huge difference to the way in which the crops are grown and the amount of crop that’s grown.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh leigeil leis an fheamainn sin grodadh bho chòmhdach. Còmhla ris a’ bhuntàta, chaidh càl agus coirce beag a chur agus bha iad uile soirbheachail far an robh iad air an cur anns an fheamainn sin.

[Iain Stephen Moireasdan] ‘S dòcha gun gabh rudeigin air choreigin togail às an rannsachadh seo, rudeigin a dhèanadh feum dhen talamh a bhiodh feumail do bheathaichean no a shealladh dhut mar a ghabhadh biadh air choreigin togail dheth agus tha mi smaointinn gum bithinn-sa agus cruitear sam bith eile anns an aon suidheachadh toilichte gu leòr coimhead air sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Agus bha moladh ann cuideachd gur dòcha gun gabhadh cruitearan pàirt anns na deuchainnean a thathar a’ dèanamh sna bliadhnaichean ri teachd, Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!