FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Anne Lundon An Aimsir le Anne Lundon

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Anne Lundon

[Anne Lundon] Halò. Feasgar math dhuibh. Uill, ‘s e fìor mheasgachadh de fhrasan agus greisean de shoilleireachd a bha tro mhòran sgìrean an-diugh. A’ chuid as fheàrr dhen t-sìde mun ear. Agus a-nochd, bu chòir gur ann tioram a bhios i dhan mhòr-chuid, ach tha i, cuideachd, gu bhith fuar. Ma bheir sinn sùil an toiseach air an dealbh airson a-nochd, chì sinn na frasan a tha seo, fhathast mun cuairt mun chost an iar. Ach dhan chòrr, bu chòir gur ann tioram a bhios i agus greisean math dhe dh’ iarmailt shoilleir a’ tighinn troimhe mun chost an ear. Oiteagan gaoithe fhathast mun chuairt mun àrd a tuath agus mun chost an iar agus tha i gu bhith fuar dhan mhòr-cuid. Dh’fhaodadh i a dhol sìos gu trì no ceithir Celsius ann an cuid de sgìrean dùthchail.

[Anne Lundon] Sùil air adhart ma-thà gu a-màireach agus ‘s ann sgòthach a bhios i chiad char mun chost an iar agus na frasan a tha seo fhathast mun cuairt bho àm gu àm, ach mun chost an ear, greisean math de shoilleireachd agus de ghrèine agus ma bheir sinn sùil nas mionaidiche air na bhios a’ tachairt feasgar a-màireach mu cheithir uairean.

[Anne Lundon] Frasan fhathast a’ cumail smachd air cùisean tro na h-eileanan mu thuath. Oiteagan gaoithe cuideachd mun àrd a tuath agus taobh nan eilean siar. ‘S ann nas sgòthaiche a bhios i mun chost an iar agus na frasan a tha seo fhathast gu bhith mun chuairt feasgar a-màireach. Ach mar a ghluaiseas sinn gu deas agus gu taobh sear na dùthcha, greisean math de shoilleireachd agus de ghrèine a’ tighinn troimhe agus i gu bhith mu thrì-deug no ceithir-deug Celsius aig a’ char as fheàrr a-màireach.

[Anne Lundon] Sùil air adhart ma-thà son a’ chòrr dhen fheasgar agus gu ruige beul na h-oidhche, chan eil atharrachadh mòr a’ tighinn air cùisean. Na frasan a tha seo, a’ fàs nas mìne agus nas sgapte agus greisean math de shoilleireachd fhathast mun chost an ear.

[Anne Lundon] Sùil air adhart gu Diardaoin agus anns na h-uairean beaga, chì sinn an aghaidh a tha seo a’ tighinn dhan n-ionnsaigh, a’ toirt leis t-sìde car caochlaideachd agus fliuch, an t-uisge a tha seo gu bhith a’ gluasad tron dùthaich air Diardaoin.

[Anne Lundon] Ach feasgar, bu chòir gun tig piseach air cùisean. Mairidh i sgòthach dhan mhòr-cuid, ach bidh i nas tioraime feasgar Diardaoin. Tha i gu bhith mu thrì-deug, no ceithir-deug Celsius aig a’ char as àirde.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!