FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A bilingual play Dealbh-chluich dà-chànanach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Dealbh-chluich dà-chànanach

[Innes Rothach - Presentair] Tha an dealbh-chluich dà-chànanach, The Idiot at the Wall, ga thoirt mu chuairt na Gàidhealtachd agus nan eilean an-dràsta. Tha an dràma ùr a tha stèidhichte aig deireadh a’ chiad chogaidh a’ dèiligeadh ri teaghlach anns na h-Eileanan Siar agus na tha a’ tachairt nuair a tha fear de bhuill an teaghlaich a’ faighinn ro-shealladh de bhàs a’ pheathar. Tha an còrr dhen sgeulachd aig Ailean MacLeòid

[Ailean MacLeòid – Neach aithris] Thòisich the Idiot at the Wall air cuairt an t-seachdain-sa air feadh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Shoirbhich leis an dealbh-chluich gu mòr an-uiridh aig Fèis Iomall Dhùn Èideann. Dh’ fhaodadh an sgeulachd seo a bhith air tachairt ann an iomadach àite air a’ Ghàidhealtachd agus tha na cleasaichean an dòchas gum bi ceangal aca ri sluagh gach sgìre dhan tèid iad.

[Elspeth Turner] I went to hear a concert given by Julie Fowlis at the Carnegie Hall in Dunfermline, which is where I grew up. And she sang a song called A’ Bhean Eudach - The Jealous Woman. And I thought that this would make a great story for a play. So I started to write a play which explored how a family might reach that point of crisis. And the idea for the title came from conversations with my father., where the sort of children of a village would be allowed to sit on the interior wall of the crofthouse at the cèilidh and watch the proceedings and would also be accompanied by anyone in the village that was an adult perhaps with learning difficulties would sit there too and they were treated with such compassion in the Gàidhealtachd.

[Ailean MacLeòid – Neach aithris] A bharrachd air sgrìobhadh an dealbh-chluich, ‘s e Elspeth cuideachd am prìomh chleasaiche. Stèidhich i cuideachd a’ chompanaidh a tha ga chur air an àrd-ùrlar. Tha an sgeulachd ag innse mu charactar Elspeth agus a teaghlach an-dèidh dha fear à Lunnainn a thighinn a chèilidh orra.

[Coinneach Lindsay] Tha dà-shealladh aig a leth-bhràthair, Ùisdean, agus tha esan a’ faicinn piuthair Iain a’ bàthadh agus chan eil mi airson sin tachairt idir, idir. ‘S mar sin, tha mi a’ dèanamh a h-uile rud gu a bhith a’ sgaradh nam peathraichean agus gan cumail bho chèile. Dìreach, tha mi airson a h-uile duine a bhith faiceallach agus beò.

[Ailean MacLeòid – Neach aithris] Tha an turas a’ tadhal air Beàrnaraigh a-màireach agus Steòrnabhagh Disathairne agus bidh iad a’ tilleadh gu tìr-mòr an ath-sheachdain. Ailean MacLeòid, BBC An Là, ann am Port Rìgh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!