FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new exhibition has opened in the Gairloch Museum Taisbeanadh ùr air fosgladh aig Taigh-tasgaidh Gheàrrloich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Taisbeanadh ùr air fosgladh aig Taigh-tasgaidh Gheàrrloich

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Tha taisbeanadh ùr air fosgladh aig Taigh-tasgaidh Gheàrrloich a tha a’ mìneachadh eachdraidh na sgìre tro sgeulachdan nan daoine fhèin. Dh’ fhosgail e air an deireadh-sheachdain-sa chaidh agus chithear ann sealladh air mar a tha an sgìre ag atharrachadh a thaobh a’ chànain, obair an fhearainn agus an iasgaich, agus fiù ‘s nach do lorg iad seann bhaile a bh’ air a dhol à dìochuimhn’, air dìochuimhn’, gabh mo leisgeul. Mar a tha Dòmhnall MacLaomainn a-nis ag aithris.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Am fear as sine agus am fear as òige, a ghabh pàirt anns a’ phròiseact seo, le pìobaireachd air taobh a-muigh Taigh-tasgaidh Gheàrrloich, ‘s muinntir na sgìre air bhioran gus am fosgail an taisbeanadh ùr-sa, a thug bhliadhna agus a fhuair cuideachadh bho iomadach neach gus an do ràinig e an ìre sa, taisbeanadh do dh’ eachdraidh nan daoine fhèin.

[Ruairidh MacCoinnich] Ò, tha sinne air ar fìor dhòigh leis, tha e glè inntinneach a bhith a’ faicinn na th’ air a dhèanamh anns an sgìre ann an seo, timcheall nam bailtean beaga uile gu lèir. Tha e math a bhith a’ faicinn sin dèante, ‘s tha sinn toilichte gu bheil daoine ann a tha a’ gabhail ùidh anns an leithid de rud.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha dòigh-beatha na sgìre air atharrachadh gu tur ann an ùine an ìre mhath goirid, bha faireachdainn ann gum feumadh iad clàradh na b’ urrainn dhaibh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Cha bhiodh am pròiseact seo comasach gun cuideachadh bhon choimhearsnachd, le grunn dhiubh a’ tabhann seann dhealbhan agus seann sgeulachdan. Mar eisimpleir, seo na thabhainn Ruairidh.

[Ruairidh MacCoinnich] Dh’ inns mi mar a bha cùisean nuair a bha mi a’ fàs suas anns a’ bhaile, fhios agad, o làithean na sgoile suas gun an do dh’ fhàg mi am baile, ceart gu leòr, dh’ inns mi mar a bha dòigh-beatha, is mar a bha e cho duilich, rudan a dhèanamh an taca ri mar a tha e an-diugh.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Chan e a-mhàin seann dhòighean-beatha a thàinig gu bàrr, fiù ‘s nach deach lorg air seann bhaile aig nach robh fhios aig mòran leis an ainm Alt an Tarsainn.

[Uilleam MacRaibeirt] Agus, tha mòran, cha robh fhios aca, cha chuala iad riamh mu dheidhinn ‘s e Alt an Tarsainn a bh’ air a’ bhaile beag a bh’ ann agus tha Alt a’ tighinn a-mach à Loch na Bèiste agus a’ dol a-steach dha Allt Idrigill aig dìreach air an tarsainn agus ‘s ann bhon sin a thug iad an t-ainm, tha mi a’ smaointinn.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Ged a tha an taisbeanadh mu sheann làithean na sgìre, a rèir Uilleim, tha teachdaireachd air leth làidir ann dhan òigridh cuideachd.

[Uilleam MacRaibeirt] Uill tha mòran dhen òigridh an-dràsta, na h-oghaichean agam fhèin bidh iadsan a’ smaoineachadh History is bunk ach tha mise dhen bheachd, mura h-eil fhios agad às a thàinig thu ciamar a tha fhios agad càite bheil thu a’ dol?

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Geàrrloch.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!