FaclairDictionary EnglishGàidhlig

MacBeth in Gaelic to go on the stage in Glasgow MacBheatha gu bhith air àrd-ùrlar ann an Glaschu

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

MacBheatha gu bhith air àrd-ùrlar ann an Glaschu

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, tha deagh sheans gur e Gàidhlig a’ chainnt, ach chun an seo, chan eilear air an sgeulachd a chluinntinn, co-dhiù ann an riochd Shakespeare anns a’ chànan. Tha sin a’ dol a dh’atharrachadh ged-tà agus MacBeth no MacBheatha gu bhith air àrd-ùrlar ann an Glaschu an t-seachdain-sa. Tha Caitriana Deeprose ag aithris.

[Catriona Lexy Chaimbeul] Tha e a’ còrdadh riumsa math, son mar as àbhaist nuair a tha mise ann an rudan, tha mi a’ dèanamh nigheanan snog. Fhios agad clann-nighean shnog is rudan eagalach a’ tachairt riutha ‘s tha iad mì-thoilichte, ach tha iad snog agus còir, ach chan eil an nighean seo snog no còir no càil sam bith mar sin, tha pàirt dhith a tha rudeigin olc, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil i, ‘s dòcha, rudeigin misunderstood cuideachd. Tha mi a’ feuchainn ri lorg beagan dhen bhoireannach fhèin anns a’ charactar olc a tha sin cuideachd.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] ’S e dìreach earrainn dhen dealbh-chluich a chaidh air eadar-theangachadh aig an ìre-sa.

[Iain MacDhòmhnaill] Cha robh e cho doirbh ‘s a shaoileas tu. Tha an stuth fhèin cho beairteach agus dh’ fheumadh tu a bhith gu math leibideach mar a tugadh tu na h-uimhir dhen bheairteas troimhe. ‘S e dùbhlan a bh’ ann air dòigh, ach tha e gu math tlachdmhor aig an aon àm.

[Daibhidh Walker] Tha e gu math duilich a’ feuchainn na faclan ionnsachadh oir tha feadhainn dhe na faclan, bha iad dìreach… cha chuala mi riamh iad, agus mar sin tha, agus cuideachd, a thaobh mar a tha ruitheam a’ dol, feumaidh tu sin a chumail a’ dol agus càite bu chòir dhut stad, ach tha sin a’ tighinn gu nàdarrach ann an dòigh nuair a tha fhios agad air an sgeulachd is tha a’ dol a thachairt anns a’ phàirt a tha sin dhen a sgeulachd, ach ‘s e dùbhlan gu math doirbh a th’ ann.

[Catriona Lexy Chaimbeul] Tha sinn a’ feuchainn ri cumail gu math beòthail. Tha e gu math luath, ‘s gu math sgiobalta mar a tha sinn ga gluasad. Tha sinn an dòchas gum bi daoine a’ faireachdainn gur e rud gu math eadar-dhealaichte a th’ ann.

[Caitriana Deeprose – Neach-aithris] Bidh MacBheatha ri fhaicinn aig Taigh-cluiche, an Citizens, a’ tòiseachadh Diciadain is a’ ruith gu Dihaoine. Caitriana Deeprose, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!