FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A service that helps find people in the mountains Seirbheis a chuidicheas ann a bhith a’ lorg dhaoine sna beanntan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Seirbheis a chuidicheas ann a bhith a’ lorg dhaoine sna beanntan

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, chaidh seirbheis ùr a chur air adhart an-diugh a tha dòchasach a chuidicheas ann a bhith a’ lorg dhaoine a th’ air chall sna beanntan. Thathas ag iarraidh air daoine foirmean a lìonadh a-steach mus tèid iad a-mach dha na beanntan. Tha e ga dhèanamh mar chuimhneachan air an fhear-naidheachd, Clive Dennier, a bhàsaich aig toiseach na bliadhnaann an Cnòideart. Seo Eileen NicDhòmhnaill.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh Clive Dennier a dhìth sa Mhàrt am-bliadhna. Dh’ inns e dha cho-obraichean aig Herald Bhàideanach agus Srath Spè gun robh e an dùil sreap air an deireadh-sheachdain. Ach, cha do dh’ inns e dhaibh càit dìreach an robh e a’ dol. Cha do thill e a dh’obair ged-tà. Chaidh iomairt mhòr theasairginn a chur air bhonn son lorg fhaighinn air. mhìos an-dèidh sin, chaidh fhaighinn marbh ann an Cnòideart. An-diugh san Aghaidh Mhòr, chuir a theaghlach seirbheis ùr a dh’fhaodadh a bhith na chuideachadh son lorg fhaighinn air luchd-coiseachd, air bhonn mar chuimhneachan air.

[Julie Needham] It is annoyingly frustrating that I didn’t know where he was. Hours just of reading a lot of books and thinking back to conversations to find out where I thought he might have gone walking. In the end, it was a place that I’d not heard him talking about before, so if we can prevent another family going through this, it would be great.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thugar ainm Clive dhan t-siostam ùr, Climbers’ Location and Identification Verification Envelope, pìos pàipeir a dh’ iarras an luchd-coiseachd innse càit dìreach a bheil iad a’ dol agus cuin a tha dùil aca tilleadh, am measg eile.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha e doirbh tomhais cia mheud duine a tha a’ sreap nam beann nan aonar agus gun càil a dh’fhios aig duine sam bith eile càit dìreach a bheil iad. Gu dearbh, cha deach fiù ‘s na h-àireamhan son am bliadhna an-uiridh fhoillseachadh. Ach, ma lìonas aon duine am pìos pàipeir a tha seo a-mach agus ma dh’ fhàgas iad am pìos pàipeir a tha seo le cuideigin air a bheil iad eòlach, tha luchd-teasairginn ag ràdh gum bi e na chuideachadh mhòr dhaibh.

[Heather Mounring] We’re often on call-outs where we really have very little idea about where folk have gone and a huge amount of time and resources is spent looking for people so it’s a kind of two-way thing really, it’s obviously for safety of the person in case they are injured on the hill and need help, but also ensuring that important resources aren’t put to waste, looking for people in places in which they just aren’t.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Bidh am foirm ri fhaighinn air na làraichean-lìn airson luchd-coiseachd. ‘S e an dòchas a th’ ann gun sàbhail cèis bheag beatha dhaoine air a’ cheann thall a chionn faodaidh cunnartan mòra a bhith an cois beanntan àrd’ na h-Alba. Eileen NicDhòmhnaill, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!