FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The University of the Highlands and Islands' decision Co-dhùnadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Co-dhùnadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean

[Innes Rothach - Preseantair] Chan e co leis a tha oighreachdan mòra na Gàidhealtachd a tha cudromach ach an dòigh anns a bheil iad gan ruith. Sin co-dhùnadh rannsachadh còig bliadhna a rinn Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Tha iad a’ moladh structairean ùra co-obrachaidh eadar na h-uachdarain is coimhearsnachdan airson dèanamh cinnteach gun tèid am fearann a chleachdadh a chum math nan uile. Ach, tha connspaid mun rannsachadh oir ‘s e uachdaran beairteach a phàigh air a shon. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha talamh àrd na h-Alba a-nis ga fhaicinn nas cudromaiche dhan dùthaich air fad na bha e a-riamh. Tha e a’ bualadh air àiteachas, turasachd, cur-seachad, an àrainneachd, cumhachd ath-nuadhachail is iomadach rud eile. ‘S i a’ cheist a bh’ air Ionad Rannsachaidh nam Monaidhean aig Colaiste Pheairt do UHI an dòigh as fhèarr a ruith a chùm math a h-uile roinn a tha an sin.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Chan eil an rannsachadh-sa a’ faicinn gu feum co leis tòrr de dh’fhearann na h-Alba atharrachadh ach gu feum an dòigh anns a bheil e air an stiùireadh atharrachadh ma tha na monaidhean againne gu bhith seasmhach.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha iad air na fhuair iad fhoillseachadh ann an leabhar “Lairds, Lands and Sustainability”. An teachdaireachd tha measgachadh a dhìth, uachdarain bheairteach, phrìobhateach, urrasan coimhearsnachd is buidhnean poblach. Ach, tha iad a’ moladh modailean ùra co-obrachaidh eadar na h-uachdarain agus a’ choimhearsnachd.

[An t-Oll. Màrtainn Price] I’m not sure we can say we need a particular kind of land ownership. I would say it’s how we manage the land, not to do things just thinking about the moment, but to take a long-term view and to make sure that all those involved actually have some recognition that they need to work together to achieve those long-term goals.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Chan eil an t-Ollamh Price idir a’ dol le luchd-iomairt a tha ag iarraidh nan oighreachdan mòra spòrs a thoirt bho uachdarain bheairteach. Tha e ag ràdh gur e airgead calpa prìobhaideach bho thall thairis glè thric a tha gan cumail a’ dol, airgead nach eil aig, na h-urrasan choimhearsnachd a ghabh na h-oighreachdan aca thairis.

[An t- Oll. Màrtainn Price] All of those estates had some sort of government funding at the beginning. Are they going to be businesses effectively? Large business that manage to keep going and pay their way in the long run? Where as many private estates, we have to remember keep going because there is financial assistance coming from somewhere else.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S e uachdaran beairteach a bhios a’ toirt nam milleanan dhan Phàrtaidh Tòraidheach a mhaoinich an rannsachadh, fear Henry Angest, a bhuineas bho thùs dhan Eilbheis, ach tha an t-oilthigh ag ràdh nach tug sin buaidh sam bith air an rannsachadh. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!