FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Mod Fringe Iomall a’ Mhòid

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Iomall a’ Mhòid

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Clann nighean Throndairnis leis an òran a bhuannaich iad a cho-fharpais às ùire ann am Mòd na Cloinne. ‘S e ùghdarras a’ Chlò Hearaich a tha a’ toirt seachad duais airson an òrain luaidh as fheàrr. Rinn na caileagan a’ chùis air buidheann à Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha dòchas aig na britheamhan gun tig barrachd an ath-bhliadhn’.

[Màiri NicLeòid] Ò, tha mi’n dòchas. Tha mi an dòchas a-nis gu bheil còisirean gu bhith tighinn ann an ath-bhliadhn agus buidhnean eile à sgoiltean. Tha an eachdraidh gu math cudromach airson a’ chultair, tha e math gu bheil na sgoiltean a’ tighinn air adhart ag ionnsachadh nan òran agus nan sgeulachdan agus na h-eachdraidh còmhla ris na h-òrain.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha na bùithtean Gàidhlig air na stàileachan aca a chur suas ann am meadhan prìomh ionadan bùithtean Phàislig. ‘S e an obair aca barrachd dhaoine bhrosnachadh gus ùidh a ghabhail anns a’ chànan.

[Cairistìona NicGillÌosa] Balloons agus peansailean son dathan a dhèanamh, ‘s dealbhan a dhèanamh is tha e ag obair fìor mhath. Is nuair a tha a’ chlann a’ tighinn airson bruidhinn rium, tha na pàrantan feumach air tighinn cuideachd is an uair sin, tha iad a’ faighneachd mu dheidhinn nan cùrsaichean a tha sinn a’ dèanamh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha gu leòr eile a’ dol air Iomall a’ Mhòid agus fèis eile SPREE a’ dol aig a’ cheart àm a’ toirt a-steach iomadach tachartas Gàidhlig. An-diugh, thàinig an soirceas dhan bhaile.

[Ariel Killick] ‘S e dòigh a th’ ann a’ chànan a chleachdadh ann an dòigh gu math spòrsail cuideachd, ach tha e a’ toirt air a’ chloinn a bhith a’ coimhead air an dòigh sa bheil iad a’ gluasad is a’ smaoineachadh mu dheidhinn ann an dòigh eadar-dhealaichte, ciamar a tha thu a’ cumail nan làmhan, nan gàirdeanan is ciamar a tha thu a’ coiseachd gus rud a chumail suas agus rudan coltach ri eye-to-hand co-ordination agus rudan mar sin. Ach tha e gu math spòrsail agus tro mheadhan na Gàidhlig cuideachd. Ach ‘s e àrdachadh na sgilean fiosaigeach a tha sin, cuideachd.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha aire dhaoine a-nis a’ tionndadh gu co-fharpaisean mòra nan inbheach. Tha an òigridh a’ dol dhachaigh, cuid le barrachd na dìreach cuimhne. Eilidh NicLeòid, BBC An

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!