FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Mod Comedy Cup Cupa Comadaidh a’ Mhòid

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Cupa Comadaidh a’ Mhòid

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Coltas àbhaisteach oidhche Mhàirt aig a’ Mhòd, ach san Spiegel tent, bha cùisean car diofraichte. Tha an fhèis SPREE a’ ruith ri taobh a’ Mhòid am Pàislig an t-seachdain-sa. Agus Cupa Comadaidh a’ Mhòid ga thoirt seachad airson a’ chomadaidh stand-up as fheàrr.

[Carina NicLeòid] An turas mu dheireadh a chaidh a thoirt seachad, b’ ann airson dialogue, no duologue èibhinn, ach am-bliadhna, tha sinn ga thoirt seachad airson stand-up. Tha mi air a bhith dèanamh bùithtean-obrach ann an stand-up ‘s tha dhà no trì air tighinn agus a-nochd, taghaidh sinn am fear as fhèarr, chan eil sgeul air na boireannaich. Taghaidh sinn am fear as fheàrr, tha sinn a’ smaoineachadh, a tha airidh air an duais.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] A bharrachd air an fharpais, bha cleasaichean cuideachd ri fealla-dhà. Nam measg, bha fashionista a’ toirt seachad puingean air aodach freagarrach airson a’ Mhòid agus bhiodh i aithnichte gu leòr dha feadhainn a bhios a’ leantainn prògraman meidigeach air an telebhisean.

[Fashionista] Bha mi nam corp ann an Holby, Bha mi nam corp ann an Casualty agus nam corp ann an Silent Witness. Ò, agus bha mi nam corp ann an Midsummer’s Murders, air repeat gach Dihaoine.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] ‘S e Cailean Monghan a choisinn an duais airson a’ chomadaidh as fheàrr is gun aige ach beagan Gàidhlig ionnsachaidh fhathast

[Cailean Monghan] Uill, tha mi ag ionnsachadh Scouse Gàidhlig, no Gaelic Scouse, no Sgaelic at er, Scally Mòr Ostaig, tha mi aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, mar a chanas Julia, Gaelic Ground Zero.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] ‘S i Carina a chrìochnaich an-oidhche, ‘s gu dearbha dh’ fhàg i gàire air aodann an luchd-amhairc is iad a’ falbh a dh’fheuchainn am fealla-dha fhèin ann an taighean-seinnse Phàislig.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!