FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Screen Machine shows Gaelic films Tha an Screen Machine a' sealltainn filmichean Gàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Tha an Screen Machine a' sealltainn filmichean Gàidhlig

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Tha an Screen Machine, a’ charbad a tha dol mun cuairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean a’ sealltainn filmichean a’ comharrachadh còig bliadhn’ deug bho a chaidh e air an rathad an toiseach. Air a’ chuairt às ùire aige ann an cuide de dh’ àiteachan, thathas a’ sealltainn filmichean goirid anns na h-Eileanan an Iar ron phrìomh fhilm. Chaidh Shona NicDhòmhnaill a choimhead fear dhiubh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha an Screen Machine a’ toirt mu dheich sheachdainean cuairt a chur air eadar còig thar fhichead agus còig-deug thar fhichead coimhearsnachd. Tha seo a’ toirt filmichean mòra chun nan daoine. Airson còig bliadhna deug air an rathad a chomharrachadh, thathar a’ sealltainn filmichean beagan eadar-dhealaichte cuideachd.

[Flòraidh Forrest] Thàinig iadsan thugainn a dh’fhaighneachd gum biodh sinne dèonach feadhainn dhe na filmichean againne a shealltainn air an Screen Machine. Agus tha sin fìor mhath dhuinne a chionn tha còrr is trì ceud film againne a-nis a chaidh a dhèanamh air feadh nan Eilean no bhathar a’ dèanamh le daoine bho na h-Eileanan agus tha seo a’ toirt dhuinn cothrom a bhith gan shealltainn sna coimhearsnachdan sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e aon de na filmichean sin ‘Aodainn’, le Pòl Steele. Ach thathar air dòchas atharrachadh a thoirt air gnè nam filmichean as ùire.

[Flòraidh Forrest] Bu thoigh leinne am- bliadhna a bhith a’ faicinn barrachd dhaoine bho choimhearsnachdan air feadh nan Eilean ag obair air filmichean is sinne a’ faicinn tha a’ tachairt anns na coimhearsnachdan ann an àiteachan mar Uibhist. Agus, tha mi a’ smaointinn, ma chì iad gu bheil na filmichean an uair sin gan sealltainn air an Screen Machine gur e platform math a th’ ann airson 's gu bheil cothroman ann an lùib FilmG. Bhiodh e math barrachd choimhearsnachdan fhaicinn a’ dèanamh filmichean am-bliadhna.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha na filmichean goirid Gàidhlig seo eadar trì agus còig mionaidean a dh’fhaid.

[Dòmhnall Steele] San latha an-diugh, tha deagh theans aca, rudeigin a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig a chionn ‘s tha Gàidhlig a-nis gu math mòr. Air feadh Alba co-dhiù, ‘s air an dùthaich, chanainn. Agus mar a thuirt mi tha deagh theans aca clann òga an-diugh rudan mar seo a dhèanamh. Tha mi a’ smaointinn, ma chì feadhainn mun chuairt an seo, ma chì iad gun gabh rudeigin a dhèanamh agus ma dh’fhaoidhte a’ toirt sin orra, dh’fhaoidte film a dhèanamh dhaibh fhèin, ma gheibh iad an teans agus ‘s e dìreach an equipment fhaighinn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thuirt Stiùiriche Chuimhneachain Bliadhnail an Screen Machine, Jonathan Melville, ma chòrdas seo ri daoine bhiodh sinne ro dheònach filmichean goirid Gàidhlig eile a shealltainn air cuairtean eile. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Uibhist.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!