FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fraser Docherty gives advice to pupils Tha Fraser Docherty a’ toirt comhairle do sgoilearan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Tha Fraser Docherty a’ toirt comhairle do sgoilearan

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Beagan silidh a-nis ma-thà. Tha am fear a thòisich a’ chompanaidh, Superjam, Fraser Docherty, air a bhith a’ toirt comhairle gnìomhachais do sgoilearan bho Sgoil Sir E Scott agus Sgoil ‘Ic Neacail. Thòisich e an gnìomhachas aige fhèin nuair a bha e ceithir bliadhn’ deug. ‘S i a’ bhuidheann Include Us a thug cuireadh dha na h-Eileanan. Seo Ruaraidh Rothach.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Thòisich Fraser Docherty a’ dèanamh silidh nuair a bha e ceithir bliadhn’ deug le reasabaidh dìomhair a sheanmhar. Deich bliadhna air adhart tha an Superjam aige air a reic air feadh an t-saoghail agus ri fhaotainn anns na bùithtean mòra air fad. A dh’ aindeoin clàr-ama air leth trang, bha ùine aige airson comhairle a thoirt seachad dhan ath ghinealach.

[Fraser Docherty] I love being able to kind of talk to kids who are, fourteen, fifteen, sixteen and at that stage that I was when I first realised I wanted to start my own business. I just want to really encourage people not to be afraid of giving their ideas a shot. I think it just takes the first steps and then that gives you more and more confidence. You know starting something on a tiny scale can grow into your whole career and change your life.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] ‘S e Include Us a thug cuireadh do Fraser Docherty a thighinn dha na h-Eileanan. Tha Include Us ag amas air barrachd dhaoine òga a bhrosnachadh gus gnìomhachas a thòiseachadh dhaibh fhèin. Agus a rèir Dòmhnall MacSuain bhon bhuidhinn, ‘s e deagh eisimpleir a th’ ann am Maighstir Docherty agus a’ chompanaidh aige, Superjam.

[Dòmhnall MacSuain] Tha mi a’ smaoineachadh gun robh an dòigh air an robh Fraser a’ bruidhinn an-diugh, gun robh sin cho freagarrach ‘s a ghabhas dhan òigridh a bh’ againne ann an Sgoil ‘IcNeacail agus Sir E Scott gun robh iad a’ faicinn cuideigin òg, chan eil e ach ceithir bliadhna fichead a dh’ aois. Tha e a’ coimhead òg cuideachd agus thòisich e bho chionn faisg air deich bliadhna. ‘S tha mi a’ smaointinn gu bheil e a’ sealltainn dhaibhsan nach e dìreach seann daoine a tha ag obair ann an oifis a bhios a’ cur ort deis a h-uile là; gur iad sin na h-aon daoine a bhios ag obair ann an gnìomhachas; gum faodadh duine sam bith rudeigin a dhèanamh agus nach fheum thu rudeigin, nach e rudeigin duilich a dh’fheumas tu tighinn an-àird leis.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ach shaoil an luchd-èisteachd dhan teachdaireachd aig Maighstir Docherty.

[Nighean] Nuair a dh’ fhàgas mise sgoil, tha mi ag iarraidh rudeigin a dhèanamh le gnìomhachas tha e gu math inntinneach ri dhèanamh agus bidh e math.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Bha comhairle ann cuideachd bho Mhaighstir Docherty mu dheidhinn nan cnapan-starra a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air misneachd luchd-gnothaich òga.

[Fraser Docherty] It’s really important that you don’t just give up at the first hurdle. When I was starting my business there were all kinds of things that went wrong, you know most things don’t work first time around and you shouldn’t let the first knock-backs make you stop. Just keep at it and eventually you’ll come up with something that works.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Aig Àrd-Sgoil MhicNeacail, cha b’ e silidh a-màireach a bh’ ann ach Superjam an-diugh. Ruaraidh Rothach. BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!