FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The autumn branches are still colourful and lovely Tha meanglan an fhoghair fhathast daithteach is àlainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Tha meanglan an fhoghair fhathast daithteach is àlainn

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise, chaidh na clocan air ais agus tha na h-oidhcheannan a’ sìor tharraing dlùth ach tha meanglan an fhoghair fhathast daithteach agus àlainn an gnùis. Tha iad nas àille am-bliadhna, nan dathan agus doimhneachd nam blàth. Am beachd cuid, tha e coltach, agus samhradh cho fada, ‘s cho blàth. ‘S ann an t-seachdain-sa is àille. ‘S fhuair Seonaidh MacCoinnich a shùil riutha gu h-àird.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Aig an àm seo den bhliadhna, tha na làithean a’ fàs nas giorra, bu chòir an t-sìde a bhith a’ fàs nas fhuaire agus chan eil ach ochd seachdainean ri dhol gu àm na Nollaige. Dha na craobhan, tha na duilleagan air a bhith ag atharrachadh cuideachd, tha e a’ cur steall de dhathan air na geugan. Ach am-bliadhna, tha na dathan nas làidire, nas doimhne na bha iad airson iomadh bliadhna. Carson?

[Emily Edwards] Tha chlorophyll anns na duilleagan, agus ‘s e sin a tha gam fàgail uaine. Aig an àm seo dhen bhliadhna, tha sin air a bhriseadh sìos agus tha e a’ leigeil air rud eile tighinn tro na duilleagan. ‘S e sin carotene, a’ chiad rud. Tha sin a’ fàgail nan duilleagan car buidhe agus cuideachd tha rud eile anthocyanin an t-ainm a th’ air. Tha sin ag adhbhrachadh nan dathan dearga. Agus am-bliadhna, bha e gu math fuar as t-earrach agus an uair sin, bha samhradh agus foghar gu math blàth, tioram ann. Agus ‘s e sin a tha a’ fàgail ìrean nas àirde nan àbhaist den stuth a tha seo, anthocyanin agus ‘s ann airson sin a tha na dathan cho dearg ‘s cho làidir is cho brèagha am-bliadhna.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] bhliadhna air ais, rinn stoirm sa Chèitean milleadh air dathan nan duilleagan air an taobh siar, gam fàgail donn tron t-samhradh. Bha beagan iomagain gun toireadh seo droch bhuaidh air na h-eòin, a neadachadh agus am biathachadh sna craobhan. Cha chuir na duilleagan na dathan aca air ais an ath bhliadhna. Leis an samhradh a’ maireachdainn gu math nas fhaide am-bliadhna. a’ bhuaidh a tha sin a’ toirt air beathaichean san fharsaingeachd?

[Emily Edwards] ‘S tha sin a’ ciallachadh gu bheil na lusan anns na craobhan is mar sin air a bhith a’ fàs nas anmoiche sa bhliadhna. Is san fharsaingeachd, ‘s e deagh rud a tha sin do bheathaichean air sgàth ‘s gu bheil barrachd bìdh ri fhaighinn dhaibh. Tha e gu h-àraidh math dha beathaichean a tha ri cadal a’ gheamhraidh. Is tha iad sin feumach air stòrasan bìdh, is tha iad a’ dol a dhèanamh a’ gheamhraidh beagan nas fhasa dhaibh.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A rèir eòlaichean, ’s e seo an t-seachdain as fheàrr airson na dathan fhaicinn mus tig an t-side fhuar ceart. Feuch gun gabh sibh cothrom a dhol a-mach agus sùil a thoirt air na seallaidhean àlainn. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, fliuch ach toilichte ann an Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!