FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gruffalo visted Point Thadhail a’ Ghruffalo air an Rubha

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Thadhail a’ Ghruffalo air an Rubha

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha na h-Eileanan an Iar cleachdte gu leòr ri bhith a' faicinn luchd-tadhail tron bhliadhna, ach ann an sgìre an Rubha an-diugh, thadhail cuideigin gu math sònraichte. Bidh mòran agaibh eòlach air a' Ghruffalo, agus ged a tha gu leòr ag ràdh nach eil leithid de rud ann, chan e sin a bh' ann de sgoilearan an Rubha an-diugh. Bha ùghdar an leabhair, Julia Donaldson, air chuairt sna h-eileanan mar phàirt de dh'fhèis leabhraichean "Faclan" mar a tha Catriona NicIlleathain ag aithris.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Tha a’ Ghruffalo, mar as trice, a’ fuireach ann an coille. Ach an-diugh, thàinig e fhèin agus a charaidean dhan an Rubha airson coinneachadh ri sgoilearan na sgìre.

[Julia Donaldson] It’s always lovely meeting your readers and especially because I get them to act out the stories, so it’s lovely to see how a little child from Lewis will be the hen in A Squash and a Squeeze. I’ve been doing this story called The Magic Paintbrush and I got the children to act the villagers and Malcolm, my husband, he acts the wicked emperor and he got some wonderful children to be his bad followers.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Cha robh teagamh sam bith ann mu dheidhinn cho math ‘s a chòrd an ri na sgoilearan.

[Alice] Chòrd e riumsa gu mòr nuair a bha iad a’ dèanamh mar actadh a-mach às na leabhraichean aca, bha e gu math èibhinn.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] Agus na leabhraichean a tha a’ còrdadh riutsa? na leabhraichean aig Julia a th’ agadsa?

[Joanna] An Gruffalo agus A Squash and a Squeeze.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] A thuilleadh air tòrr spòrs is fealla-dhà, bha cothrom aig na sgoilearan an Gruffalo a chluinntinn ann an Gàidhlig, bhon an dearbh fhear a rinn an eadar-theangachadh.

[Tormod Caimbeul] Chòrd e uabhasach math rium a bhith a’ cur sin ann an Gàidhlig. Tha e gu math furasta an sgrìobhadh aice a thionndadh gu Gàidhlig. Agus dhà no trì dhe na leabhraichean. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a’ mhòr-chuid dhe na leabhraichean a fhuair mi bha sin na thoileachas dhomh dìreach gan cur ann an Gàidhlig, ‘s a fuaim a th’ aige, ‘s a siubhail a th’ ann, cuideachd.

[Catriona NicIlleathain – Neach-aithris] A dh’aindeoin gu bheil i air ceud agus ceithir fichead pìos obrach fhoillseachadh mu-thràth, dh’ inns Julia Donaldson an-diugh gu bheil i an-dràsta ag obair air leabhar ùr eile agus bidh sin deiseil an ath bhliadhna. Catriona NicIlleathain, BBC An Là, Sgoil an Rubha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!