FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new book is published about Niall Gunn Chaidh leabhar ùr fhoillseachadh mu Niall Guineach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Chaidh leabhar ùr fhoillseachadh mu Niall Guineach

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, sgrìobh e iomadh leabhar air a bhonntachadh air a’ Ghàidhealtachd is anns na coimhearsnachdan air an robh e fhèin eòlach. Ach ‘s e na smuaintean aige air Alba agus air Nàiseantachd agus mar a dh’fhaodadh iad a thighinn còmhla a chaidh leabhar ùr fhoillseachadh ann an Dun Beatha mu Niall Guineach. Chaidh am fear-naidheachd againne, Ailean MacLeòid chun an fhoillseachaidh.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Chruinnich daoine bho air feadh Alba a’ mhòr-chuid aca bhon sgìre seo airson cluinntinn mun leabhar ùr. Chaidh a’ chiad phàirt dhen t-sreath, Neil Gunn Circle, a’ coimhead air mar a bha an Guineach a’ faicinn Alba agus am pàirt a bh’ aige ann an toiseach tòiseachaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Dh’fhàg an Guineach an sgìre far an deach a thogail, a’ falbh a Lunnainn a dh’obair mar sheirbheiseach catharra. Nuair a thill e dhan Ghàidhealtachd, bha staid na coimhearsnachdan a dh’fhàg e a’ cur fearg air.

[Diarmid Gunn] He was appalled at the state of the run-down state of the country, the poverty, the rural poverty and it made him really bitter and he wrote two books quite early on, one called The Great Coast and the other called The Lost Glen, which are an angry young man’s books. I think the books took a lot of bitterness away from him because he would express himself about that. The Scottish National Party also helped in that respect, it helped him to clear his mind and get rid of some of these bitter feelings.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Chaidh an cuimhneachan seo a thogail ann an naoi ceud deug, ceithir fichead ‘s a h-aon deug, ceud bliadhna bhon a rugadh Niall Gunna fhèin. Rugadh agus thogadh e ann an Dun Bheatha agus tha e gu math follaiseach gun tug an t-àite buaidh mhòr air an sgrìobhadh aige.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Bha e a’ faicinn mar a bha na fuadaichean a’ toirt buaidh air an àite agus mar a bha call an iasgaich a’ toirt air daoine fàgail. Bhiodh e a’ fighe an seo uile le poilitigs agus tachartasan os-nàdarra dha na sgeulachdan aige, a’ fàgail feadhainn ga mheas am measg nan sgrìobhadairean Albannach as fheàrr a-riamh.

[Padraig MacAoidh] Bidh na nobhailean aige mar as trice a’ nochdadh nuair a tha na liostaichean sin ann, na ceud nobhail as fheàrr à Alba, neo ‘s dòcha na deich nobhailean as fheàrr à Alba. Gu h-àraidh Silver Darlings agus Highland River agus tha mi a’ smaoineachadh gum bi, anns na beagan bliadhnaichean ri thighinn, barrachd air air sùighear dhan.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Ann an Dun Beatha ged-thà, chan eil ceist sam bith gur e Niall Guinneach agus na sgeulachdan mun sgìre as fheàrr leotha. Ailean MacLeòid, BBC An Là, ann an Dun Beatha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!