FaclairDictionary EnglishGàidhlig

80 years since the first picture of Nessie was taken 80 bliadhna on a chaidh a' chiad dealbh dhe Nessie a thogail

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

80 bliadhna on a chaidh a' chiad dealbh dhe Nessie a thogail

[Innes Rothach - Preseantair] Tha ceithir fichead bliadhna ann an-diugh on a thog fear de mhuinntir an àite a’ chiad dhealbh a-riamh de dh’Uilebheist Loch Nis. B’ ann air an darna deug den t-Samhain naoi ceud deug is trì deug air fhichead a chunnaic Ùisdean Gray rudeigin air uachdar an Loch. Thachair gun robh camara aige agus chaidh Nessie air film airson a’ chiad uair. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha i a’ cur nam mìltean notaichean gach bliadhna ri eaconamaidh na Gàidhealtachd ann an turasachd. ‘S dòcha nach eil càil cho ainmeil rithe mun Ghàidhealtachd air feadh an t-Saoghail. Bha bruidhinn oirre a’ dol air ais gu àm Choilm Chille, ach b’ ann bho chionn ceithir fichead bliadhna an-diugh fhèin a thog fear de mhuinntir an àite a’ chiad dhealbh dhith.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S ann timcheall air an dearbh spot-sa aig Foithir a chunnaic Ùisdean Gray an uilebheist am feasgar Sàbaid a bha siud, dìreach far a bheil Abhainn Foithir a’ tighinn a-steach do Loch Nis. Thuirt e gum fac e am beathach ‘s e air cuairt a ghabhail an-dèidh na searmoin. Bha camara aige agus thog e dealbh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha cuid a’ smaoineachadh gur e a th’ ann le maide mòr na bheul. Nochd an dealbh anns an Daily Record làithean às dèidh a thogail. Ach bha an uair sin is tha fhathast cuid an amharas gun deach an dealbh atharrachadh beagan.

[Calum Aonghas MacAoidh] Maighstir Gray a bha seo, saoilidh mi gur e esan ‘s dòcha as ainmeil a thaobh an deilbh a thog e neo an dealbh a chruthaich e agus tha mi a’ creidsinn gur e sin an teagamh, ‘s dòcha mar dhealbhadair, sin an teagamh a th’ ormsa. An e dealbh a chaidh a thogail glan air an sin fhèin a th’ ann neo an e dealbh a chaidh a thogail glan a th’ ann agus gun deach rudeigin eile a chur ris as-dèidh làimh?

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S iomadh dealbh a nochd bhon uair sin, leithid an fhir ainmeil-sa an ath bhliadhna a-rithist. Ach chaidh a dhèanamh a-mach gu math luath gur e foill a dh'aona-ghnothaich a bha sa leithid. ‘S dòcha nach eil dealbh Gray buileach fuadain, ach tha e furasta rudan fhaicinn air Loch Nis, dealbh a thogail agus cluich leis. Agus fiù leis an teicneòlas bho chionn ceithir fichead bliadhna, ghabhadh sin a dhèanamh.

[Calum Aonghas MacAoidh] Bha e meadhanach furasta dhol a-steach dhan an dorchadas, dhan an darkroom, agus obrachadh le ink agus peann air neo bruis gu math mìn agus rud sam bith a bhiodh anns an dealbh a thoirt às. Bha e gu math furasta salchar a thogail bho dealbh air neo nam biodh an duine, i neo e, beagan nas clever mu dheidhinn cùisean. Dh’fhaodadh iad rudeigin a chur ris an dealbh cuideachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Air feasgar brèagha foghair, tha loch air leth àlainn, ach cha bhi e fhathast a’ tarraing nam milleanan bho air feadh an t-saoghail, mur a biodh an ùpraid a chruthaich an dealbh aig Ùisdean Gray agus is an t-seagh sin is coma tha anns an dealbh. Dòmhnall Moireasdan, BBC An Là, Loch Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!