FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Campaign to raise money for St Conan's Church Oidhirp airson airgead a thogail airson Eaglais Naoimh Chonain

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Oidhirp airson airgead a thogail airson Eaglais Naoimh Chonain

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, thòisich oidhirp air airgead a thogail airson na h-eaglaise ann am baile Loch Obha, an Earra-Ghàidheal, a ghleidheadh. Ged nach eil ceud bliadhna ann bho chaidh a togail, tha i an-diugh ann an droch staid. Air an deireadh sheachdain, bha taisbeanadh aca 's iad a' feuchainn ri airgead a thogail airson na h-obrach. Chaidh am fear-naidheachd againne, Andreas Wolff ann.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha eaglais mhòr suidhichte ann am baile beag, Loch Obha. Thogar an Eaglais Naoimh Chonain le Walter Caimbeul, am bràthair a b’ òige don chiad Mhorair Blythswood. Cheannaich e Innis Chonain ann an Loch Obha agus chaidh e a dh’fhuireach an sin le a mhàthair.

[Am Brigadier Iain MacPhàrlain] Bhiodh iad a' dol don eaglais ann an Clachan an Dìseirt, no Dail Mhàilidh mar a th' aca air a-nis, a h-uile Didòmhnaich. Tha e coltach gun robh iad a' dol, a dh’aona cuid air an rathad, 's cha robh an rathad ro mhath. Cha robh seo a' còrdadh ris a' chaillich idir, agus thuirt a mac rithe "ma-tà, chan eil e a' còrdadh riut. Togaidh mise eaglais air do shon."

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha Eaglais Naoimh Chonain ann an droch staid agus i feumach air càradh. Thathar a’ tomhais gu bheil i feumach air còrr is millean not. Ged a tha iad an dùil gu bheil iad a’ faotainn maoineachadh, tha iad cuideachd airson ‘s gun cuir daoine taic riutha.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chunnaic na bha an làthair air an deireadh-sheachdain taisbeanadh mu eachdraidh na h-Eaglaise air an deach crìoch a chur ann an naoi ceud deug agus trìthead. Thathar airson buidheann de charaidean a stèidheachadh air a son.

[David Hodge] Anybody can provide help in the form of labour, time, money or just information, historical, archiving. It becomes easier to keep going if you know people are genuinely interested.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha an togalach làn de dh’eachdraidh na sgìre agus chan eil e a’ buintinn do dh’Eaglais sam bith.

[Am Brigadier Iain MacPhàrlain] Ann an dòigh, tha e nas fheàrr dh’fhaodadh nach eil iad ceangailte ri Eaglais sam bith. Tha saorsa aca, a dhèanamh an seo nas urrainn dhaibh, tha fhios agad, agus tha fhios agam fhèin, tha am fuaimneachadh a-staigh an seo cho math agus ‘s e àite math a bhiodh ann ‘son ceòl a bhiodh ann.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha ìomhaigh de Raibeart am Bruiseach ri fhaicinn san eaglais cuideachd agus cnàimh dheth air a thiodhlacadh an sin. Thathar an dòchas gum biodh sin na chuideachadh le bhith a’ trusadh airgead.

[David Hodge] The first grants application we expect to hear from them in the middle of December. If it was successful, we would hope to start the work in the spring, because it is exterior work, therefore requiring the weather, and once that’s started we would be able to put together the next applications so that the next stage, if successful, could start immediately after.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha planaichean aca cuideachd gus ionad fiosrachaidh agus cafaidh a thogail ann an togalach ri taobh na h-Eaglaise. Andreas Wolff, BBC An Là, Loch Obha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!