FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Queen's Baton makes its journey around Glasgow's schools Tha Baton na Bànrighe air a shlighe timcheall sgoiltean Ghlaschu

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Tha Baton na Bànrighe air a shlighe timcheall sgoiltean Ghlaschu

[Innes Rothach - Preseantair] ‘S iongantach mura do mhothaich sibh ach tha Baton na Bànrighe air a shlighe timcheall dùthchannan a’ Cho-Fhlaitheis a thoiseach air Geamaichean Ghlaschu an ath bhliadhna. Aig a’ cheart àm, tha baton eile an–dràsta a’ dol timcheall sgoiltean a’ bhaile, a’ toirt cothrom do dh’ òganaich barrachd ionnsachadh mun Cho-fhlaitheis agus mu na geamaichean fhèin. Tha Iain MacDiarmid ag aithris.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Clann-sgoile a’ dèanamh fiuthar ri Baton na Bànrighe fhaicinn. Tha e ann an seo, aig an sgoil, mar phàirt de thuras tro sgoiltean Ghlaschu. Turas a tha a’ ruith aig an dearbh àm ‘s a tha am baton ceart a’ dèanamh a shlighe tron Cho-Fhlaitheis.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] tha e air a bhith aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu aig an aon àm ‘s a tha e air a bhith ann an New Zealand. Tha na sgoilearan air a bhith ag ionnsachadh mun dùthaich sin.

[Innes] Tha isean beag ann ach chan urrainn dha sgèith, ‘s e kiwi a th’ ann. Dh’ ionnsaich sinn gur e an sgioba rugbaidh as fheàrr san t-saoghal a th’ anns na All Blacks agus bidh iad a’ dèanamh Haka.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Ciamar a tha iad a’ dèanamh sin?

[Innes] Bidh iad a’ dèanamh sùilean gu math biorach agus crosta agus dìreach a’ dèanamh dannsa coltach ri na Kenyan Warriors.

[Lochlann] Dh’ ionnsaich sinn cuideachd gu bheil barrachd chaoraich na daoine ann an New Zealand.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Tha e cuideachd a’ togail aire nan sgoilearan ann an cur-seachadan nas fhallaine.

[Mags Chaimbeul] Chuir sinne cruinneachadh gu math sònraichte ri chèile anns an sgoil agus thàinig Clyde, am mascot, a-staigh dìreach airson aire nan sgoilearan a thogail cho cudromach ‘s a tha spòrs agus cuideachd dìreach cho cudromach ‘s a tha e airson Glaschu gu bheil na geamannan a’ tachairt againne. ‘S e rud gu math sònraichte a th’ ann.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Chan eil am baton deiseil air a shlighe. Bho seo, aig Pàirc Kelvingrove, choinnich sgoilearan òigridh bho Bhun-sgoil Cadder far am bi e no dhà. Fhad ‘s a tha e a’ fàgail Sgoil Ghlaschu, tha e cuideachd a’ fàgail New Zealand agus a’ dèanamh air Samoa, dùthaich eile far a bheil an dannsa car eagalach agus sgoil eile, uile air an ceangal ri chèile leis an Co-fhlaitheis agus tachartas mòr spòrs na h-ath bhliadhna.

[Innes] Snàmh is rudan, bidh mise a’ dol gu snàmh, rugbaidh, ball-coise. Tha mi a’ dol gun h-uile càil.

[Iain MacDiarmid – Neach-aithris] Iain MacDiarmid, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!