FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Christmas Spirit in Stornoway Spiorad na Nollaige ann an Steòrnabhagh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Spiorad na Nollaige ann an Steòrnabhagh

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha muinntir Steòrnabhaigh ann an Leòdhas air tighinn còmhla airson tachartas Nollaige a chur air dòigh dhaibh fhèin. Tha seo an dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar air innse nach robh airgead gu leòr aca am-bliadhna airson solais Nollaig a chur an-aìrde. Fhuairear beagan ionmhais airson craobh agus ghluais spiorad na Nollaige aon bhoireannach òg cuirm a chur air dòigh an aghaidh thèid na solais air a’ chraoibh a chur air agus mar a fhuair Dòmhnall MacLaomainn a-mach, chan eil dìth cuideachaidh air a bhith na dhuilgheadas dhith.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Àm na Nollaige, àm airson teaghlach, clann a’ cluiche, craobhan Nollaige agus solais Nollaige air na sràidean. Ach, cha bhi am-bliadhna ann am meadhan baile Steòrnabhaigh. Tha a’ Chomhairle a’ gearradh an airgid a tha Urras Ghoireasan Steòrnabhaigh a’ faighinn airson solais a chur suas.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Bha draghan ann air sgàth nan gearraidhean nach biodh solais sam bith ann am meadhan Bhaile Steòrnabhaigh am-bliadhna. Ach, le buidhnean a’ tighinn còmhla, thèid a’ chraobh seo air mo chùlaibh a sgeadachadh agus bidh solais air a chur oirre, Diardaoin sa tighinn.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Ged a tha solais gu bhith air a’ chraoibh, bha daoine gu math tàmailteach nach bi rudeigin air a chur air dòigh airson na h-oidhche a thèid na solais a chur air. Ghlac sin aire boireannaich òig a smaoinich gum bu chòir rudeigin a bhith air a dhèanamh.

[Jane Hepburn] Bha mi a’ smaoineachadh gun robh e duilich nach robh càil a’ tachairt airson na lights a dhol air anns a’ bhaile agus dìreach chuir mi rudeigin air facebook, sgrìobh mi gun robh mi a’ dol sìos le m’fhidheall agus bha a h-uile duine a’ sgrìobhadh rudeigin às dèidh sin ag iarraidh orm sin a dhèanamh. Agus, uill, sin na tachair.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Tha còrr air seachd ceud neach air an ainm aca a chur ris an iomairt le mòran luchd-ciùil, dannsairean, agus còmhlain air aontachadh cuideachadh.

[Jane Hepburn] Tha tòrr dhaoine a’ cantainn rium “Dè mi airson cuideachadh?”, fhios agad? Heb Hostel agus tha an Fhèis agus tha Harris Tweed Hebrides. Tha iad airson ceud not a thoirt dhuinn airson càil sam bith, fhios agad? Tha a h-uile duine dìreach, tha e glè mhath. Tha real community spirit againne, nach robh ann, fhios agad, ron seo.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Ged a tha a' Chomhairle ag aithneachadh gu bheil e tàmailteach nach bi na solais àbhaisteach ann am-bliadhna, tha iad dòchasach gu bheil oidhirpean na coimhearsnachd a' dol a dhèanamh diofar mhòr.

[Teàrlach MacNeacail] Though we would like to do more and have more lights and that. There’s a great community spirit there, and I’m sure next Thursday it’ll be a nice night for those that go to the shops and are involved and those that come to see the lights that we do have within the civic area.

[Dòmhnall MacLaomainn – Neach-aithris] Mar sin, ged nach bi spiorad na Nollaige cho mothachail am-bliadhna ‘s a b’ àbhaist, tha spioraid na coimhearsnachd a’ dol a dhèanamh cinnteach gum bi co-dhiù aon oidhche ann far an tig a h-uile duine còmhla airson sùil a chumail a-mach airson Bodach na Nollaige. Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Steòrnabhagh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!