FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pilot scheme on the A9 Sgeama paidhleit air an A9

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Sgeama paidhleit air an A9

[Angela NicIlleathain - Preseantair] An ath-bhliadhna, bidh e ceadaichte do dhràibhearan-làraidh siubhal aig 50 mìle san uair air earrannan singilte den phrìomh rathad eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba. Dh'inns Riaghaltas na h-Alba gun tèid sgeama paidhleit a dhèanamh nuair a thèid siostam ùr a bhios a' tomhais astar coitcheann dhràibhearan a chur an-sàs air an A9. Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S ann gu math mall a tha an trafaig a’ gluasad air a’ phrìomh rathad eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba. Ach dh’fhaodadh gun atharraich sin anns na bliadhnaichean a tha romhainn. An-dràsta, chan fhaod luchd nan làraidhean bathair a dhol nas luaithe na fhichead mìle san uair ann an earrainnean singilte dhen A9. Tha iad ag ràdh gu bheil e a’ fàgail dràibhearan eile mì-fhoighidneach agus ag adhbhrachadh tubaistean.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] O chionn bliadhna, chuir iad iomairt air bhonn a’ casg astar àrdachadh gu leth-cheud mìle san uair. An-diugh, dh’inns Riaghaltas na h-Alba gun tèid sgeama paidhleit a chur air cois an ath bhliadhna. Aig a’ cheart àm, thèid siostam ùr a chur an-sàs a bhios a’ tomhais astar coitcheann dhràibhearan eadar Inbhir Nis agus Dùn Bhlàthain. Tha luchd-iomairt air an dòigh.

[Conor McKenna] It’s brilliant news, it’s really, really good news. That’ll make a huge difference. In the respect of safety, there’ll be less frustration on the roads now and people will be more than happy to sit behind the lorry doing fifty rather than forty. You know, the queues are ridiculous.. The overtaking was suicidal at times, so, you know, it’ll be a lot better.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha Donaidh MacDhòmhnaill na mhanaidsear còmhdhala aig a’ chompanaidh bathair DR McLeod. Tha uallach air son còrr is ceud dràibhear. Tha e ag ràdh gun seall an sgeama paidhleit gu bheil feum air an àrdachadh an chuid son dràibhearan agus nan companaidhean.

[Donaidh MacDhòmhnaill] Uill, ma tha sinne a’ ruith son na ferries. Tha na dràibhearan gu math tric, tha e gu math tight dhaibh dèanamh air ferry anns na h-uairean aca, depends run a tha iad air, ‘s a' gabhail mar a tha Tesco is an Coop, feumaidh na trailers sin a bhith air a’ ferry. Feumaidh iad a bhith an Ulapul mu leth uair an-dèidh trì sa mhadainn agus gu math tric, tha e gu math tight dhaibh sin a dhèanamh, e feum dhaibh, iadsan, iad e gun teagamh. Bidh e nas fhasa dhaibh. Bithidh.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chuir luchd-gnìomhachais fàilte air an naidheachd cuideachd. Tha iad ag ràdh gum bi iad na bhuannachd do dh’eaconomaidh na Gaidhealtachd air fad. Ach, gu feum an sgeama a leudachadh gus am bi an rathad dà-fhillte.

[Stiùbhart Nicol] We do need this move and we’re happy for it to be a pilot to be considered to have the evidence then evaluated properly because we think it’s really important that the transport and the traffic flows within the A9 corridor, it’s really important that that flows easily and although it’s a small increase, it’s a relatively big increase and it will help the traffic flow.

[Eileen NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha dùil gun tòisich an sgeama sa Chèitean. Tha dùil cuideachd gum mair e sia mìosan. Bidh e ri fhaicinn an uair sin co-dhiù a bhios an rathad nas sàbhailte na tha e an-dràsta. Eileen NicDhòmhnaill, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!