FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Energy companies are ready for the bad weather Companaidhean dealain deiseil airson dèiligeadh ri trioblaidean na sìde

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Companaidhean dealain deiseil airson dèiligeadh ri trioblaidean na sìde

[Eilidh NicAsgaill - Preseantair] Thuirt companaidhean dealain gu bheil an luchd-obrach aca deiseil airson dèiligeadh ri trioblaidean sam bith a dh’ èireas tro làithean-saora na Nollaige. Tha dùil ri barrachd droch shìde a-nochd fhathast le gaoth làidir agus uisge trom gu bhith air feadh na dùthcha ron mhadainn a-màireach.

[Eilidh NicAsgaill - Preseantair] Rinn Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond moladh air an luchd-obrach airson na h-oidhirp a rinn iad.

[Eilidh NicAsgaill - Preseantair] Chaill trì mìle gu leth dachaigh cumhachd an ron Nollaig. Ach, tha iad uile air an cuid dealain fhaighinn air ais a-nis. Rinn Riaghaltas na h-Alba moladh an-diugh air an luchd-obrach airson na h-oidhirp a rinn iad.

[Eilidh NicAsgaill - Preseantair] Thuirt Ailig Salmond gun do rinn an luchd-einnseanairidh, luchd-obrach nam bàtaichean-aisig agus na seirbheisean-èiginn am measg eile obair ionmholta gus daoine eile a chuideachadh airson na Nollaige. Thugar dealain air ais do sheachd ceud dachaigh air na Nollaige fhèin às dèidh mar a thug na gèiltean buaidh air na loidhnichean-dealain, ach ged a bha an ìre mhath ciùin ann an-diugh tha dùil ri barrachd droch shìde a-nochd fhathast.

[Eilidh NicAsgaill - Preseantair] Chaidh rabhadh a thoirt seachad gu mair na stoirmean tron oidhche a-steach chun na maidne agus gun tuit suas ri òirleach de dh’ uisge agus gun toir a’ ghaoth buaidh air a’ mhòr-chuid de sgìrean air feadh Bhreatainn. Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a sgaoileadh airson na gaoithe airson a’ mhòr-chuid de dh’ Alba, na Gàidhealtachd agus nan Eilean, ach tha coltas ann nach bi cùisean buileach cho fiadhaich ‘s a bha i aig tòiseach na seachdaine.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!