FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new plan for the Kilmartin Museum Plana ùr aig an taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Plana ùr aig an taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, bho chionn deich bliadhna, bha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn ann an Earra-Ghàidheal ann an cunnart dùnadh. Bha Cathair a’ bhaile Mhuinntir Dhail Riata aig Dunadd faisg air làimh aig aon àm ‘s a tha còrr air ochd ceud làrach eachdraidheil agus gu dearbh ro-eachdraidheil anns a’ ghleann. An-diugh, tha plana aig an taigh-tasgaidh luach sia gu leth millean not an togalach a th’ ann a leudachadh. Seo Andreas Wolff.

[Andreas Wolff –Neach-aithris] A’ dèanamh biadh Lochlannach, sin na bha fa-near do chlann-sgoile nuair a thadhail iad air Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn ann am meadhan Earra-Ghàidheil. Saoil cho furasta ‘s a tha e a bhith nad Lochlannach?

[Clann] We cooked flatbread, we cooked stew, vegetable stew which had cooked green beans, carrots cut in quarters and leeks and lamb.

[Andreas Wolff –Neach-aithris] Bha na Lochlannaich na Cruinnich agus na Gàidheil uile a’ fuireach sa cheàrn seo de dh’Alba. ‘S cinnteach nach robh an seòrsa bìdh blasta seo aca ro thric.

[Andreas Wolff –Neach-aithris] Tha daoine air a bhith a’ fuireach anns a’ ghleann seo fad mhìltean de bhliadhnaichean agus dh'fhàg iad còrr is ochd-ceud làrach eachdraidheil agus ro-eachdraidheil, a’ fàgail gur e seo aon dha na h-àiteachan as cudromaiche ann an eachdraidh na h-Alba.

[Cairistìona Litster] Tha mòran seann chlachan anns a’ ghleann seo. Tha sinn faisg air Dunadd far an robh na seann rìghrean air an crùineadh agus thàinig Calum Cille gus an àite seo.

[Andreas Wolff –Neach-aithris] Deich bliadhna air ais, bha Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn ann an cunnart dùnadh. Ach a-nise, tha stuth gu leòr aca ri thaisbeanadh bho air feadh Earra-Ghàidheil.

[Dtr Sharon Wbb ] I quite often joke that I have to share my office with eighteen other people and I’m the only one who’s alive in there, because we have developed these huge collections of material, including human skeletal material that we have run out of spaces to put them, essentially. Collection storage’s full and we also have some really important artefacts that we would like to be able to show people

[Andreas Wolff –Neach-aithris] Tha an seòmar-clas cuideachd air fàs ro bheag. Le sin, tha planaichean luach sia gu leth millean not aca a-nise gus leudachadh a thoirt air an togalach.

[Clann] As a homework challenge we had four weeks to make our own Viking costume. And if you were a Viking warrior, you had to make, like a helmet, a shield and a sword or an axe. And you weren’t to go out and buy stuff just for the costume.

[Andreas Wolff –Neach-aithris] ‘S e togalach ìosal a bhios ann agus tha e coltach gum bi e bàidheil dhan àrainneachd. Chuir iad iarrtas dhan Chrannchur Nàiseanta agus tha iad an dòchas gum bi an togalach ùr deiseil ann an mhìle agus a h-ochd-deug. Andreas Wolff, BBC An Là, Cille Mhàrtainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!