FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Concerns about Culloden Draghan mu Chùl Lodair

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Draghan mu Chùl Lodair

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Tha Comhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean coimhearsnachd ann an Cùl Lodair iomagaineach mu mar a dh’fhaodadh a bhith an dàn do dh'àrainn a' bhlàir ann an sin agus companaidh air cead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba sia taighean deug a thogail timcheall oirre. Chuir a' Chomhairle an aghaidh nam planaichean, ach rinn a' chompanaidh tagradh chun Riaghaltais. Seo Coinneach Mac a' Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Sa bhliadhna seachd ceud deug fhichead ‘s a còig, b’ e àite gu math eadar-dhealaichte a bh’ ann an Cùl Lodair. B’ ann an seo a bha am blàr ainmeil eadar am Prionnsa Teàrlach agus Diùc Chumberland. Ach, ‘s e còmhstri gu math eadar-dhealaichte a tha a-nise a’ dol ‘s an Riaghaltas air cead a thoirt dhan chompanaidh Inverness Estates, taighean a thogail faisg air làimh.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] ‘S ann air mo chùlaibh ann an seo a tha an companaidh an dùil sia thaighean deug a thogail agus mu leth mhìle sìos an rathad, tha blàr Chùil Lodair fhèin – làrach a’ bhlàir. Nise, tha seo air teagamhan a thogail am measg cuid de bhuidhnean poblach ach tha teagamhan eile aig cuid anns an sgìre cuideachd.

[Dòmhnall Mac a’ Mhaoilein] ‘S e àite freagarrach airson taighean, àite snog a th’ ann. Bidh seallaidhean snoga bho na taighean. An aon rud a chanainn-sa, chan eil e cho faisg ‘s a bha feadhainn ag ràdh do làrach bhlàr Chuil Lodair, ach chan eil na ròidean freagarrach airson na tha sin de thaighean a thogail.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chan eil ach togalaichean taca air an làraich an-dràsta, ach chan e cion ròidean, ach a’ bhuaidh a bhios aig an leasachadh seo air àrainn a’ bhlàir san àm ri teachd a th’ air aire cuid eile. Nam measg Urras Nàiseanta na h-Alba aig a bheil làrach Blàr Chùil Lodair.

[Alexander Bennett] If this development goes ahead, then there’ll be others waiting to develop alongside it. And before we know it, it’ll end up with a Central Park in New York type development scenario, where you have the battlefield untouched and then development all round and that is our worst case scenario and we just see this as one of the whole steps in the process, so we are obliged in the national interests to object to it.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Ged a tha Riaghaltas na h-Alba air cead a thoirt dhan ath-thagradh aig a’ chompanaidh Inverness Estates, tha an Riaghaltas cuideachd ag ràdh gum feumar aonta a ruighinn an toiseach eadar iad fhèin agus a’ chompanaidh a thaobh taic airgid airson staran, slighean-baidhsagail agus taighean aig prìsean ciallach. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là, Cùil Lodair.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!