FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Orchards planted in The Cairngorms National Park Ubhal-ghortan deug a chur air feadh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Ubhal-ghortan deug a chur air feadh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

Iain MacIlleathain – Preseantair] Nise, thèid ochd ubhal-ghortan deug, no orchards, a chur air feadh Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, airson comharrachadh gu bheil deich bliadhna ann bho chaidh a' phàirc a stèidheachadh. 'S ann le seòrsaichean ubhail Albannach a thèid a lìonadh, agus ann an cuid de shuidheachaidhean, gheibh am poball cothrom air a' mheas a bhuain. Tha tuilleadh fiosrachaidh aig Teàrlach Quinnell.

[Teàrlach Quinnell - Neach-aithris] Nuair a smaoinicheas tu air ubhal-ghortan, ’s ann air talamh ìosal, torrach, grianach a laigheas d’aigne. Chan ann mar sin a tha Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, ach tha ochd ubhal-ghortan deug gan stèidhicheadh air feadh na pàirce, a’ comharrachadh gu bheil a’ phàirc deich bliadhna a dh’aois. Chuir diofar bhuidhnean iarrtasan a-steach agus tha iad a’ faighinn an craobhan bhon Ùghdarras ann an co-bhann leis a’ bhuidhinn Food for Life. Ged nach fhàs craobhan-ubhail àbhaisteach ro mhath sa phàirc, fàsaidh ùbhlan traidiseanta Albhannach.

[Glynis Ross] We’re working in Highland communities and when you walk into these communities, people don’t necessarily think they can grow fruit and so if you’d said about planting apple trees “No, no, that doesn’t grow here”. And so there’s an education behind this and letting people know that there’s actually several hundreds of varieties of apples and many of them are Scottish varieties and so we’ve stuck with that in all of the orchards and we’re looking at the different sites that we’ve got and we’ll have specifically chosen varieties that will work in those places as well, to give us the best rate of success.

[Teàrlach Quinnell - Neach-aithris] Chan e Ùghdarras na Pàirce a-mhàin a tha a’ coimhead ris na tha de bhiadh ga fhàs sa sgìre a leudachadh. Ann an Ceann a’ Ghiùthsaich, tha pròiseact a’ dol gus liosan a chruthachadh a ghabhas daoine air màl. Thèid ubhal-ghort a chur ann cuideachd. Tha taic mhòr aig leithid de phròiseactan am measg an t-sluaigh agus tha foghlam aig teas-meadhan a’ ghnothaich.

[Maureen Hammond] Tha an dòchas gum biodh na liosan seo agus an ubhal-ghort a’ toirt cothrom foghlam do chlann is, ‘s dòcha, do dhaoine a’ bhaile cuideachd an cuid fhèin fhàs. Is tha e gu math cudromach dèanamh sin oir a rèir Survey Nàiseanta Chloinne, thuirt feadhainn gun tàinig càis bho lusan is buntàta bho chraobhan. Is mar sin, tha e glè chudromach a bhith a’ teagaisg dhan chlann às a thàinig am biadh againne.

[Teàrlach Quinnell - Neach-aithris] Far a bheil na h-ubhal-ghortan air talamh poblach, faodaidh duine sam bith cothrom fhaighinn air ùbhlan a bhuain. Chan e rud ùr sam bith a th’ ann a bhith a’ cur measan anns an sgìre seo. Agus mar phàirt de na phròiseactan ann an Ceann a’ Ghiùthsaich an seo, thèid gearragan a thoirt far nan seann chraobhan siristeach a th’ air a bhith an seo o chionn fhada agus an cur air freumhaichean ùra gus beatha nas fhaide a thoirt dhaibh. Teàrlach Quinnell, BBC An Là, ann am Bàideanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!