FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Campaign against merchandise costs in the Islands Iomairt an aghaidh nan cosgaisean bathair sna h-eileanan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Iomairt an aghaidh nan cosgaisean bathair sna h-eileanan

[Alasdair Friseal - Preseantair] Nise, tha iomairt as ùr an aghaidh nan cosgaisean bathair àrd a tha air daoine air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan air taic làidir fhaighinn air an eadar-lìon. Chuir faisg air fichead mìle an ainm ris an iomairt agus daoine mì-thoilichte mu na tha e a’ cosg, stuthan a ghiùlain às a’ Galldachd agus Sasainn gu sgìrean ann an ceann a Tuath na h-Alba. Seo Coinneach Mac a’ Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chan ann gann a tha gearain mu dheidhinn phrìsean bathair air a' Ghàidhealtachd an coimeas ris a’ Ghalldachd. Chuir fichead mìle duine an taic ri iomairt Facebook ùr an aghaidh an leithid. Agus airson cuid den luchd-ghnìomhachais ionadail, tha na cosgaisean-ghiùlain nam bacadh.

[John Preston] How it affects this business is the fact that as a retailer, I shouldn’t have to suffer delivery charges. And because we’re an arm of these manufacturers down south and we’re like a retail outlet for them. And we either have to have a minimum order or we have to pay, £20, £30, £40 per deliveries. Companies that we deal with, manufacturers, they’ve been suffering because of the recession, so they’ll be looking for ways to cut costs. Ways to cut costs? And they’ve been doing it on their own staff and they’ve also been doing it on delivery charges so ones that offer free delivery in the past no longer offer free delivery.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Tha oidhirpean air a bhith ann roimhe dèiligeadh ris an seo. Leis a’ Bhall Pàrlamaid Raibeart Mac a’ Ghobhainn a’ feuchainn ri prìsean cothromach a chur ann an lagh, ach ‘s e a’ cur cais air daoine nuair is e aineolas a tha a’ fàgail prìsean nas àirde.

[Catherine Tinney] Tha mi eòlach air daoine san Eilean Sgitheanach a th’ air fichead not a bharrachd a phàigheadh dìreach airson rudeigin a tha iad air ceannachd fhaighinn gu taobh eile na drochaid. Ged nach eile toll sam bith ann a-nis, cìsean airson faighinn thairis air drochaid. Nam bheachd-sa, chan eil na cosgaisean leth-uaireadh idir ciallach, ‘s chan eil e cothromach idir nuair a tha iad a’ dol nas àirde agus nas àirde. Tha iad a’ cur daoine dheth a bhith a’ ceannachd stuth bho bhùithtean air an eadar-lìon agus feumaidh mi aideachadh nach bi mise tric a’ ceannachd stuth air-loidhne a-nis air sgàth sin.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chan e seo a’ chiad iomairt airson cosgaisean-bathair nas reusanta ach tha guthan air a shon a’ fàs nas làidir is chan eil daoine cho deònach gabhail ris an t-suidheachadh mar a tha e. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!