FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Research on Glendale Graveyard Rannsachadh air Cladh Ghleann Dail

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Rannsachadh air Cladh Ghleann Dail

[Innes Rothach - Preseantair] A rèir beul-aithris, ‘s e prionnsa Lochlannach a' chiad duine a chaidh a thiodhlaigeadh ann an cladh Ghleann Dail anns an Eilean Sgitheanach agus tha muinntir na sgìre fhathast ga chleachdadh mar àite tiodhlaigidh. Tòisichidh pròiseact a dh'aithghearr a barrachd rannsachaidh air eachdraidh na làraich agus a bheir cothrom ceàrd traidiseanta ionnsachadh. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeoid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha eachdraidh Cladh Ghleann Dàil a’ dol air ais gu Linn nan Lochlannach.

[Murchadh MacDhòmhnaill] Chaidh bàta fodha taobh a-muigh an locha. Thàinig prionnsa à insert Norway, thàinig e air tìr agus fhuair iad an corp aige air a’ chladach. Agus ‘s e a’ chiad duine a chaidh a thiodhlacadh ann an seo.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Cha b’ e ged-thà a’ chiad mharaiche a chaill a bheatha sa sgìre. Cha robh seanair Mhurchaidh ach trì bliadhn’ deug thar fhichead nuair a fhuair esan bàs ‘s e -muigh ag iasgach.

[Murchadh MacDhòmhnaill] Thàinig fras curs’ sa gheamhradh. Chaidh car a chur den bhàta agus am fear a chroch ris a’ bhàta, chaidh esan a shàbhaladh, ‘s iad snàmhadairean math a bh’ annta. Chaidh a mharbhadh leis an swell ris a’ chladach.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S e an eachdraidh a tha co-cheangailte ris a’ chladh a gleidheadh a th’ aig cridhe pròiseact choimhearsnachd a tha dìreach an-dèidh ceithir-deug air fhichead mìle not fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta.

[Stiùbhart Edinburgh] One of my friends whose mother had recently died and he was putting daffodils on the grave and they were blowing away. The new part of the graveyard over beyond the wall is only fenced. And so it was decided that it would be a good idea to build a wall round it, he would like a wall to make it more permanent. So that’s how the project developed.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bidh cothrom aig sianar sgilean clachaireachd ionnsachadh. Cuideachd cumar ceithir bùithtean-obrach dà-chànanach ag amas air eachdraidh na làraich a chlàradh. ‘S a tha dòchas ann nach bi ann ach toiseach tòisichidh anns a’ phròiseact-sa agus gun gabh ionad dualchais nas seasmhaiche a stèidheachadh air a’ cheann thall.

[Elgar Finlay] I think there’s been a really significant part of Scottish heritage based in Glendale already and we can build on this project into the future and look at other significant parts of the heritage of Glendale as we build on out from that. We had a heritage exhibition here previously and it’s hoped that we can start that up again and do it in a professional way moving forward, so, yeah, it’s a good starting point to get really professional work done on the heritage of Glendale.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha pàrantan Bàrd Ghleann Dàil air an tiodhlacadh an seo. Ged nach eil clachan a’ comharrachadh an àite laighe. Tha uaigh am mic ann an Dùn Èideann, ach ‘s e carragh-chuimhne a chur suas mar urram dha cuideachd mar phàirt dhe obair dualchas na sgìre a ghleidheadh. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Gleann Dàil.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!