FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The effect of sea-eagles on stock Buaidh a th' aig iolairean mara air stoc

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Buaidh a th' aig iolairean mara air stoc

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, tha Aonadh nan Tuathanach air dragh a thogail mun bhuaidh a th' aig iolairean mara air stoc air a' Ghàidhealtachd. Chaidh na draghan a th' air daoine a chur an cèill aig coinneamh anns an Òban. Tha draghan dhe leithid air a bhith ann a-nis insert airson greis. Tha buidhnean glèidhteachais airson 's gum bi na h-iolairean rim faicinn air feadh Alba. Seo Coinneach Mac a' Ghobhainn.

[Coinneach Mac a' Ghobhainn – Neach-aithris] Chan eil teagamh ann nach e beathaichean eireachdail a th’ ann an iolairean-mara. Ach bhon a chaidh an toirt air ais ann an Alba ann an naoi-ceud deug trì fichead ‘s a còig-deug, tha connspaid air a bhith nan cois a thaobh na buaidh a th’ ac, no nach eil aca aig tuathanaich. Tha Aonadh huathanaich Nàiseanta na h-Alba ag iarraidh barrachd deasbaid mu na h-uain a tha iad a’ call air an sgàth.

[Raibeart Dòmhnallach] Nuair a thàinig iad a-staigh an toiseach, ‘s dòcha nach robh ach trì no ceithir paidhrichean air an taobh siar. Nise, tha iad ag ràdh gu bheil suas ri ceithir fichead iolaire-mara sìos air an taobh siar. Feumaidh iadsan tuilleadh a bharrachd bìdh. Agus ‘s e caoraich is uain an aon rud a th’ ann dhaibh airson ithe. ‘S iomadh uan a tha iad air ithe oirnn. Nise, tha iad an toiseach air falbh le uain nas làidire, fhios ‘ad, bidh iad ag ithe nan òthaisgean cuideachd. Tha e air tighinn gu ìre ‘s gu feum iad rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn nan iolairean-mara.

[Coinneach Mac a' Ghobhainn – Neach-aithris] Chaidh an cuspair a thogail aig coinneamh de chroitearan san Òban. Ach, chan eil buidhnean, an-sàs ann a bhith a’ sgaoileadh nan iolairean-mara idir a’ gabhail ris an seo.

[Seumas Reynolds] There can be little doubt that sea eagles can and have in the past taken lambs, but two very comprehensive studies have shown us that the numbers that they take are minimal. That doesn’t mean that it’s any less distressing for the farmers when that happens. But there has to be room in our wider countryside for nature and for wildlife as well as farming. Farming is constantly been told that it must diversify. This is another source of income for the countryside community.

[Coinneach Mac a' Ghobhainn – Neach-aithris] Tha buidhnean poblach misneachail mu iolairean-mara a’ neadachadh air taobh sear na h-Alba. Ach, tha beàrn mhòr ann eadar iad fhèin agus tuathanaich.

[Raibeart Dòmhnallach] Chan eil iadsan a-mach ‘s chan eil iad a’ faicinn a’ chall a tha na h-iolairean a’ dèanamh. Agus chan eil daoine a’ cur dhiubh na caoraich, na caoraich bhàine gun adhbhar agus nuair a chì thu daoine a’ dèanamh sin, tha sin ag innse dhut cho dona ‘s a tha an gnothach.

[Coinneach Mac a' Ghobhainn – Neach-aithris] Thèid an cuspair a thogail a-rithist aig coinneamh Aonadh Tuathanaich Nàiseanta na h-Alba san Eilean Sgitheanach an ath sheachdain. Ach, chan eil mòran aonta ann eadar gach taobh aig an ìre sa. Coinneach Mac a' Ghobhainn, BBC An Là, Baile nan Granndach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!