FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Mhurdo Iain Mhurdo

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Iolaire Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Iolaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Iain Mhurdo

[Preseantair] Bha aon fhear ann a thuig gum feumte rudeigin a dhèanamh ma bhathar a’ dol a shàbhaladh beatha. Iain Fionnlagh MacLeòid - Iain Mhurdo à sgìre Nis ann an Leòdhas. Maraiche eòlach.

[Iain Murchadh MacLeòid] Chaidh e a-steach dhan smoke room air ais feuch am faigheadh e, cha chreid mi, saoilidh mi gun tuirt e rium gur ann a’ feuchainn am faiceadh e lifebelt a bha e. Agus cha d’ fhuair e càil ach ruig e air sèithear mòr agus thug e leis a-mach e agus shad e a-mach air a’ mhuir e. Bha e a’ cantainn “’s mathaid gum beir cuideigin air.” Co-dhiù, fhuair e dà heaving line agus feumas gun deach e an àird bìdeag air mullach an deck, mullach an t-soithich mar gun canadh tu. Agus bha e a’ cantainn gun do dh’fheuch e air tìr an heaving line agus gun deach i a-mach gu ceann, gun robh gaoth mhath ann, gun deach i a-mach gu ceann agus dh’èigh e “ma bha duine air tìr coimhead a-mach air a son.” Agus cha d’ fhuair e response sam bith agus tharraing e a-steach air ais i. Agus dh’fhalbh e gu an starboard quarter ann an sin agus ghabh e grèim air na bha timcheall a dh’fheuchainn air tìr. Agus thuirt e riutha “uill ma bheir sibh dhomh rùm feuchaidh mise.” Chuir e heaving line, mar a dh’inns e dhòmhsa, tha mi a’ smaoineachainn, gur ann mu chùl a ghàirdein a chur e car dhen heaving line an toiseach. Dà char agus ghlas e an ceann aige leis an òrdag mhòr. Gur e sin mar a chaidh e air tìr. Cha b’ ann mar a bha tòrr den bheachd gur ann mu mheadhan a chur e an loidhne.

Chaidh am prògram seo, Iolaire, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!