FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A ban is in place to catch razorfish Casg air dòigh air muirsgian a ghlacadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Casg air dòigh air muirsgian a ghlacadh

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise, tha iasgairean nan eilean a' feuchainn ri dòigh a lorg muirsgian iasgach anns an sgìre. Tha an t-Aonadh Eòrpach air casg a chur air a bhith ag iasgach le càbaill agus cruthadairean dealain, ged a tha feadhainn ris fhathast. Mas e 's gun tèid dòigh ceadaichte a dhealbh, tha luach ceudan mìltean notaichean ann an iasgach a' mhuirsgien. Seo Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha daoine san fharsaingeachd nas eòlaiche air a bhith a’ glacadh muirsgien nuair a bhios an tràigh ann. Ach tha dòighean gam feuchainn a-muigh aig muir a tha a’ cur gathan dealain làidir tron ghainmhich a tha a’ tilgeil nam muirsgian a-mach agus ga fàgail air a’ ghrunnd deiseil airson an togail. Ach tha casg ga chur air an iasgach sin.

[Donnchadh MacAonghais] ‘S e dàibhearan a th’ air a bhith ag obair air agus tha e gu math duilich dhaibh dèanamh a-mach tha iad a’ cleachdadh, ach a-nis tha na bàtaichean, tha iad gu bhith a’ cleachdadh. Feumaidh iad faicinn mus tèid iad a-mach seòrsa innealan a th’ aca air bòrd agus cha bhiodh e ceadaichte an seòrsa innealan, gu h-àraidh generators agus cables a chleachdadh idir.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha sin cunnartach do dhàibhearan agus a’ dèanamh sgrios air maorach eile agus fiù ‘s air muirsgien òga a tha a’ bàsachadh air a’ ghrunnd.

[Donnchadh MacAonghais] ‘S e an Roinn Eòrpa a chasg, chuir iad ri linn, tha grunn dhàibhearan air bàsachadh ann an Alba sna bliadhnaichean a chaidh seachad agus gu h-àraidh an ìre dealain a tha iad a’ cur dhan uisge. Tha e cho làidir agus gu bheil luchd-eòlaich dhen bheachd gu bheil e a’ milleadh air stoc maorach eile air a’ ghrunnd.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach tha iasgairean a’ chosta Siar a’ coimhead gun gabh iasgach mhath a dhèanamh às ma ghabhas riaghladh an iasgaich airson dèanamh cinnteach gum bi e seasmhach.

[Donnchadh MacAonghais] Tha Riaghaltas a’ toirt riaghailtean ùra a-mach an cois nan ceadan bho thoiseach a’ Mhàirt an sin, agus bidh iad an dòchas nuair a thig an cead ùr a tha sin gum faic iad air an riaghailtean ùra a thoirt airson nach biodh stoc a tha sin air an riaghladh anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Gu h-àraidh, tha sinn a’ coimhead g’ eil cothrom mòr a tha sin airson ‘s dòcha’ suas ri millean not a thoirt anns na h-eileanan.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Dh’iarr am muir a thadhail. ‘S i a’ cheist a thaobh nam muirsgien, an dòigh anns an gabh sin a dhèanamh? Aonghas Dòmhnallach, BBC An Là, ann an Leòdhas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!