FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bank Street closed Sràid a' Bhanca dùinte

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Sràid a' Bhanca dùinte

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Tha e a’ tighinn gu bàrr gum fuirich Sràid a’ Bhanca ann an Inbhir Nis dùinte nas fhaide na bha dùil agus obair a’ leantainn air sgeama dìon thuiltean a’ bhaile. Bha còir aige fosgladh air an deicheamh dhen mhìos-sa fhèin. Agus obair mhòr gu bhith a’ dol cuideachd air Drochaid Cheasaig airson an dàrna bliadhna air sreath a chèile. Thuirt an comhairle ged-thà gum bi Sràid a’ Bhanca dùinte chun a’ Chèitein gus am bi an obair deiseil ro sheasan na turasachd. Seo Ailean MacLeòid.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Tha obair air a bhith a’ dol an seo air Sraid a’ Bhanca, am meadhan baile Inbhir Nis bhon Lùnastal an-uiridh. Tha an sgeama anns a bheil luach ochd puing a còig millean not airson ochd-ceud taigh agus cheud gnìomhachas a dhìon bho thuiltean. Tha dàil air tighinn air an obair ged-thà is duilgheadasan air a bhith aca le clachan mòra a chaidh a lorg fon t-sràid air an taobh-sa dhen abhainn. Aig toiseach a’ phròiseict, bha dòchas ann gum biodh an obair deiseil mun àm-sa. Ach cha tachair sin idir. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh gum biodh an obair a’ leantainn a-nis chun a’ Chèitein co-dhiù. Agus iad airson crìoch a chur air an obair ron t-samhradh, mus tig na mìltean de luchd-turais a chèilidh air a’ bhaile.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Bha dùil gum biodh an obair deiseil am meadhan a’ bhaile mus tòisich obair an seo air Drochaid Cheasaig a-rithist. Ach, thàinig dearbhadh an-diugh nach tachair sin.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Leis an rud a’ dol aig an aon àm, tha draghan a-nis gum bi cùisean gu math riaslach dha dràibhearan fhad ‘s a tha an obair a’ leantainn. Thuirt a’ chomhairle gum biodh iad a’ cumail sùil gheur air trafaig sa bhaile sna mìosan a tha romhainn. Agus gum bi iad a’ gabhail ceumannan airson a’ bhuaidh a th’ aig an obair a chumail fo smachd. Ag atharrachadh mar a tha na solais ag obair, mar eisimpleir.

[Ailean MacLeòid – Neach-aithris] Thuirt iad cuideachd nam biodh a’ bhuaidh aig Sraid a’ Bhanca a bhith dùinte fhad ‘s a tha an obair a’ leantainn air Drochaid Cheasaig ro dhona gum fosgail iad an rathad a-rithist taobh a-staigh là. Le seachdain ri dhol mus tòisich obair air an drochaid, bidh muinntir baile Inbhir Nis an dòchas nach bi feum air sin idir. Ailean MacLeòid, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!