FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New tourism ambassadors Tosgairean turasachd ùra

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Tosgairean turasachd ùra

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Chan fhada gum faic sinn Calum leis an spòrs agus chan fhada a bharrachd gus an tòisich seusan turasachd a-rithist. Agus am-bliadhna tha Visit Scotland air trì duine fichead fhastadh a bhios mar thosgairean turasachd fon sgeama Meet the Scots. Tha iad ag amas air barrachd luchd-turais às an Roinn Eòrpa a thàladh a dh’Alba. Agus mar a tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a-nis ag aithris, bidh cuid a’ sanasachd na Gàidhealtachd gu seachd àraid.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] ‘S e mhìle ‘s a cheithir deug, Bliadhna Tilleadh Dhachaigh na h-Alba. Agus tha iomairt Meet the Scots na phàirt dhen seo le tosgairean ùra na Gàidhealtachd air an ainmeachadh ann an Inbhir Nis an-diugh.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Tha sgeulachd agus beatha Choinnich Odhair air a cuimhneachadh air mo chùlaibh ann an seo aig Gob na Cananaich. Agus gu dearbha, thathas an dòchas gur e sin an seòrsa dualchais agus sgeulachd a bhios cuid dhe na tosgairean a’ sgaoileadh air feadh an t-saoghail san iomairt ùr a tha seo.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Bidh daoine eòlach gu leòr air cuid dhe na h-ainmean, ach a rèir VisitScotland, tha a’ cur aghaidh ri iomairt gan cuideachadh a thaobh margaidheachd.

[Sinead Thomas] The Meet the Scots campaign is the flagship international marketing campaign for VisitScotland. It’s been running in the European markets for the past three years and it’s been a tremendous success. We’ve decided to extend it for the next three years in our European and long-haul markets.

[Sinead Thomas] One of the biggest things that people think of whenever they are planning a holiday is recommendations from friends and family, so we’ve got the next best thing, we’ve got recommendations from real people. That they’re tried and tested things to do, in Scotland whether it’s outdoor activities, whether it’s restaurants, whether it’s festivals and events. It just gives that sort of human authentic element to the experience in Scotland.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Le daoine aig an robh sinnsirean Albannach a’ tilleadh agus barrachd luchd-turais san fharsaingeachd tha na tosgairean a’ faicinn buannachdan sa mhargaidheachd cuideachd.

[Donaidh Dòmhnallach] Aw, definitely, yes, without a doubt. Because a lot of people don’t know where the ferry is. They know, there’s the island of Skye, they think there’s a bridge there now. They think the ferry was taken away, until they see it on the roadside. They see the ferry sign, but it does help and the more advertising we get, definitely the better.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Bidh am fichead tosgair ‘s a trì a chaidh ainmeachadh mar sin nam prìomh phàirt de mhargaidheachd Bliadhna Tilleadh Dhachaigh na h-Alba. Agus le tachartasan mar Cupa Ryder agus Geamannan a’ Cho-Fhlaitheis romhainn am-bliadhna, tha fhios gum bi an iomairt Meet the Scots aig cridhe planaichean turasachd na h-Alba. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!