FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Soldiers from the Queen's Regiment present a petition Saighdearan bho Rèisimeid na Bànrighe a' toirt seachad athchuinge

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

Saighdearan bho Rèisimeid na Bànrighe a' toirt seachad athchuinge

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Thàinig buidheann de sheann shaighdearan bho Rèisimeid na Bànrighe a Ghearastan Deòrsa an-diugh a thoirt seachad athchuinge an aghaidh atharrachadh air ainm an Taigh-tasgaidh. Chaidh an t-ainm atharrachadh bho Thaigh-tasgaidh Rèisimeid Ghàidheil na Bànrighe gu Taigh-tasgaidh nan Gàidheal. Tha còrr is mìle gu leth ainm air an athchuinge. Seo Calum MacIlleathain

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] A’ caismeachd còmhla aig Dùn Dheòrsa, chruinnich seann shaighdearan, an teaghlaichean agus càirdean. Chaidh Rèisimeid Ghàidheil na Bànrighe a stèidhicheadh air an dearbh seo o chionn leth-cheud ‘s a trì bliadhna.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Thàinig cuid às an Rèisimeid còmhla an-diugh ‘s tha iad ag iarraidh gun tèid seann ainm an Taigh-tasgaidh a chur air ais.

[Colour Sargent Kevin Hunter] Although they call it the Queen’s Own Highlanders Collection, we think it should be called the Queen’s Own Highlanders Museum. We are the only regiment that do not have their own museum. The Gordons, the regiment we are amalgamated with in 94, they have their own museum in Aberdeen. We want them to rectify that. And there’s a lot of things in the museum we want changed. It’s got that appearance of an Officers’ Mess about it. We don’t like that, we would rather have exhibition rooms, more of the artefacts on display depicting the Queen’s Own Highlanders.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha còrr is mìle, còig ceud neach air an ainm a chur ris an athchuinge agus tha iad cho mì-thoilichte mu dheidhinn na cùise ‘s gu bheil iad ag iarraidh gun tèid ainm an taigh-tasgaidh atharrachadh air ais. Ach, a rèir an Taigh-tasgaidh, bha feum air an ainm atharrachadh mar phàirt de leasachadh mòr a chaidh a dhèanamh air.

[Seumas Moireach] In August 2000, the name was changed to The Highlanders’ Museum (The Queen’s Own Highlanders’ Collection) and because that was agreed and accepted, we received MOD funding to the tune of two MOD staff a year, which is about £40,000 and that goes on until 2030 and obviously there were conditions with that and really we had to modernise so that we could get accreditation.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha sgeulachdan gach rèisimeid Gàidhealach gun innse a-nise ann. Ach, tha a’ chùis seo air mòran fhàgail troimh-chèile

[Am Prìomhaid LachLinn Stiùbhart] Goirteachadh mòr a th’ ann. Tha e uabhasach. Tha sinn air a bhith ar cur air falach agus cha robh rèisimeid againne a’ dol ach fichead ‘s a’ trì-deug bliadhna. Agus san àm sin, chaidh trì-deug gillean a mharbhadh airson na rèisimeid a tha seo agus airson Breatainn. Rinn sinn a h-uile rud a dh’ iarr iad oirnn air feadh nam bliadhnaichean a bha sin, a h-uile fear dhuinn, rinn sinn a h-uile rud a bha iad ag iarraidh oirnn agus tuilleadh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chan eil coltas ann gun tèid an t-ainm atharrachadh ach cumaidh a’ bhuidheann orra leis an iomairt. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Dùn Dheòrsa.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!